Sanasan a’sealltainn mar a tha cùisean

‘S e sanasan-rathaid ‘s dòcha na saigheadan a th’air loisgeadh air a Ghàidhlig as trice, leis an fheadhainn a tha eas-aontachadh le ath-bheòthachadh de phàirt cudromach de dualchais na h-Alba a’dheanamh targaid de na sanasan ‘s a’magadh ‘s a’toirt ionnsaigh air aon de na iomhaighean as follasaiche de ais-tilleadh a Ghàidhlig.  Tha a chànan air a bhith fo ionnsaigh chlaoin air Twitter an seachdainn-sa, ged nach eil adhbhar sam bith air a shon.

Chaidh Gàidhlig a’chur air sanasan-rathaid mar dòigh faicsinneachd chànan a th’air a bhith pàirt de eachdraidh na h-Alba airson linntean a’thogail.  ‘S e prionnsabail aig Riaghaltas na h-Alba bho chionn fhada a tha seo, a mhair nas fhaide na an Riaghltas SNP a th’ann an-dràsda air ais fiù gu tòiseach Pàrlamaid na h-Alba nuair a bha na Làbraich ‘s Librealaich ann an 2001.  Chan e cuideam mòr air stòrasan na dùthcha a th’ann an sanasan-rathaid, leis na argamaidean amaideach aig Jackson Carlaw BPA (leas-ceannard Partaidh Tòraidheach na h-Alba) gu bheil iad air £26 millean a’chosg a’dol £3 millean thairis air buidseat gu leìr an Riaghaltas airson cosg air Gàidhlig.  ‘S e ach £500 mìle gach bliadhna a tha sanasan-rathaid a chosg – priobaid an taca ris na buannachadan a tha a’tighinn às.

Tha Gàidhlig air a chuir air sanasan-rathaid ùra a tha ri bhith nuadhachadh co-dhiù, mar a dh’fheumas iad bho àm gu àm leis na tha gnath-shìde na h-Alba a’dhèanamh dhaibh.  ‘S e an eisgeachd air seo na tha Rèile na h-Alba a’dhènamah, a th’air an stùireadh gu priobhaideach le First Group agus a-nis Abellio, leis na dhà dhiubh a’toirt taic don Ghàidhlig le bhith a’chuir a chànan air na sanasan aca nuair a tha iad ath-bhranndadh.  ‘S e an cosg a bharrachd, ma tha gin ann, airson sanasan-rathaid Gàidhlig ann a bhith a’lorg eadar-theangachadh (agus tha iadsan ri fhaighinn gu furasda a mhòr-chuid den ùine) agus ‘s dòcha airson dath eile pheant a’cleachdadh airson gun tuigeadh tu an diofar eadar na cananan.  Tha e amaideach ‘s beag a bhith ag radh gur e cosgais mòr a tha seo agus tha e gu tùr an aghaidh na tha an oidhirp airson taic a thoirt do Ghàidhlig airson.

Tha e gu dearbh feumail a’bhith a’taisbeanadh ar chànan mar fear a tha beò ‘s air an cleachdadh airson gu bheil e cumail air.  ‘S e rudeigin a tha a’fàs nas motha fhad ‘s a tha sinn a’leigeil fàs: a bharrachd a tha sinn a’cur a-steach do Ghàidhlig ‘s e a bharrachd a bhios ga ionnsachadh ‘s a bharrachd a bhios gan cumail air leis a bhith a’togail a chànan.  Mur ann dìreach a bhith a’faicinn ainm aite air sanas ann an Gàidhlig a tha a’togail air cuideigin cumail a’dol leis ‘s e cosg a tha a’phaigheadh air a shon fhein a th’ann.

Tha fianais ann gu bheil Gàidhlig na taic mhòir don eaconomy, le luach suas ri £148.5 millean gach bliadhna an taca ris an tasgadh ìosal de £23 millean (o.07% den bhuidseat) a tha air a’dhèanamh le Riaghaltas na h-Alba airson a’cumail a chànan beò.  Tha seo a’toirt a-steach cosgaisean gu h-iomlan na Gàidhlig leithid pròiseactean mòr mar foghlam, craoladh agus stùireadh Bòrd na Gàidhlig.   Mar na tha iad fhaighinn às an tasgadh, ‘s e Gàidhlig ‘s dòcha aon de na roinnean as fheàrr anns a bheil an Riaghaltas a cosg a’chuid airgead.

Bu chòir dhan sòisealtas againn a cur luach ann an dibhearsainn anns a h-uile càil, leithid cànanan a tha ga bhruidhinn, creideamhan a th’air an leantainn agus beachdain politigeach a th’againn.  ‘S e dùthaich in-ghabhalach a th’ann an Alba agus fear far am bu chòir luach a bhith an cuir a-steach anns an dualchais baibheil a th’againn an aon meud ris na fàsanan nuadh a th’air tighinn dhuinn.  Tha rùm gu leòr ann an Alba airson a h-uile càil, agus bu chòir Gàidhlig a bhith na measg.

Leave a Reply

Your e-mail address will not be published. Required fields are marked *