Latha Twitter na Gàidhlig Soirbheachail

An-dè bha a chiad Latha na Gàidhlig ann air an lion sòisealta Twitter far an robh luchd-labhairt a chànan air brosnachadh ri bhidh a cuir teachdaireachdan, tuits, a’cleachdadh na Gàidhlig.  Bha e air leth soirbheachail, le barrachd air mìle neach a’gabhail pàirt ann, ‘s sheall e gun e cànan beothail ‘s ùr-nòsach a th’ann – chan ann cànan marbh ‘s eachdraidheil mar a chanas feadhainn ris.  ‘S e eisimpleir math a bh’ann don chànan air fad den seòrsa iomairt a b’urrainn do luchd-labhairt an cànan cuir air dòigh airson a’leasachadh ‘s a’meudachadh.

‘S e beachd a thoisch le duilleagan @ScotsGaelic ‘s @SocialMediaAlba a bh’ann an Latha (neo Là ma tha sibh nas ùr-nosaiche na mi fhèin) Twitter na Gàidhlig .  Bha iad airson ‘s gum biodh Gàidhlig air cleachdadh nas trice air liontean sòisealta ‘s airson gum biodh seo a’brosnachadh daoine ri bhith ionnsachadh ‘s a’cleachdadh an cànan a bharrachd san fharsaingeachd.

Dealbh / ScotsGaelic
Dealbh / ScotsGaelic

Bha an latha gu math soirbheachail ann a bhidh a’sgaoileadh Gàidhlig air feadh sreathan aig daoine air Twitter, le còrr ‘s 1.7 millean neach a’faicinn beagan den chànan an-dè.  Bha an sreath agamsa loma-làn den chànan airson a chiad turas, an aite ‘s dòcháaon neo dha a’tighinn troimhe gach latha.  Thionndaidh eagraichean mòra a leithid an SFA ‘s còmhairlaichean Glaschu ‘s na h-Eileanan Siar ri bhith anns a’Ghàidhlig a-mhàin.  Fhuair an hashtag #Gàidhlig ri bhith aon de na cuspairean treandadh ann an àitichean mar Glaschu, Dun Eidinn, Inbhir Nis ‘s fiù ann an Fayetteville, North Carolina ann an Amerieaga.  Tha seo a’sealltainn gu bheil gu leòr daoine a tha deònach an cànan cleachdadh air feadh an t-saoghal.

Tha an smaoineachadh air cùlaibh Latha Twitter na Gàidhlig ma tha sibh a’faicinn a chànan nas trice tha sibh nas dualtaiche gan cleachdadh sibh fhèin, agus tha sin fìor do Ghàidhlig ann an iomadh cùisean.  Sin an adhbhar a tha còmharlaichean fhathast a’cur eadar-thangaichean Gàidhlig air soidhnichean-rathaid ged a tha daoine a’gearain gun sgur mu dheidhinn.

Tha làraichean-linn a leithid Twitter ‘s Facebook cho furasda ri cleachdadh ‘s teachdaireachdan a’cur ‘s e dòigh uabhasach math a th’ann airson beagan a barrachd Gàidhlig a’shealltainn do daoine – agus ‘s dòcha gum bidh ùidh aig cuideigin anns a chànan as ùr ‘s gum faigheadh sinn luchd-labhairt ùr.  Feumaidh mi aideachadh gun robh mi ceàrr nuair a thuirt mi roimhe gum bu chòir lion sòisealta sònraichte a bhidh ann airson a’Ghàidhlig.  Cha bhiodh sin a’tarraing a-steach daoine ùra agus bhiodh e a’cuir sios air a chànan mar pàirt cudromach de cultar farsaing na dùthcha.  Ged a tha mi fhathast a’smaoineachadh gu bheil a’Ghàidhlig ro sgapte air na liontean sòisealta, tha mi an dòchas gum brosnaich Latha Twitter na Gàidhlig coimhearsnachd nas làidire ‘s nas ùr-ghnàthaichte a bhith ann.

‘S urrainn do Bòrd na Gàidhlig tòrr a barrachd a dhèanamh leis a chànan air an eadar-lion agus tha mi den bheachd gun e ‘s dòcha an dòigh as fheàrr airson an canan a’leasachdadh gu culturail anns an linn digiteach a th’againn an-dràsta.  Chuir iad fàilte air an iomairt Latha na Gàidhlig, agus ghabh iad pàirt glè mhath ann, ach tha mi air fàgail leis an fharachdainn gum b’e iadsan a bu chòir an seòrsa de iomairt seo a chur air dòigh, chan ann buidheannan nas lugha.  Rinn na luchd-eagrachaidh glè mhath le Latha na Gàidhlig, ach tha mi a’smaoineachdh gur dòcha gum biodh e nas fheàrr buileach le barrachd cuideachadh bho an eagrachadh as motha anns a chànan.

Tha mi gu math toilichte a bhith ag radh gun robh Latha na Gàidhlig gu math soirbheachail ann am bliadhna.  Cuir an deit Bealltainn, a 1ad den Cheitean, na do mhìosachan airson an ath bhliadhna ma tha airson an ath Latha Twitter na Gàidhlig – tha mi cìnnteach gun dèan sinn a-rithist e!

Leave a Reply

Your e-mail address will not be published. Required fields are marked *