Thàinig adhartas don Ghàidhlig an-dè nuair a chuir Google Translate a chànan air-loidhne airson ‘s gum b’ urrainn daoine eadar-theangachadh bhuaithe gu cànanan eile.
Thathar air a bhith ag obair air Gàidhlig airson Google Translate fad ùine a-nis. Tha làrach aca far am faod thu beagan eadar-theangachadh a dhèanamh dhaibh air abairtean a bha tric air an lorg air Google airson gum biodh fhios na b’ fheàrr aig an t-siostam de dè bha faclan sa Bheurla ciallachadh sa Ghàidhlig. Tha an siostam cuideachd air obrachadh le làraichean a bha anns a Ghàidhlig mar-thà le eadar-theangachadh Beurla.
Mar cànanan Ceilteach eile, leithid Gàidhlige agus Cuimris, chan eil e idir cho ceart ri cheart fhathast. Chan eil e a dhèanamh cho math a thaobh gràmair, gu h-àraidh structaran a tha sònraichte don Ghàidhlig. Chan eil e a’ deiligeadh ri gnathasan-cainnt gu math a bharrachd. Tha cuideachd mearachdan annasach ann, mar eisimpleir ag eadar-theangachadh “Tha gaol agam ort” gu “I love u” sa Bheurla.
Ged nach eil e buileach na sheirbheis eadar-theangachaidh slàn fhathast tha e mìorbhaileach math gu bheil Gàidhlig a-nis air an liosta de chànanan a th’ air Google Translate. Tha e a’ toirt urram ‘s ìomhaigh dhà a tha a’ dol timcheall an t-saoghail agus tha e a’ fosgladh a chànan don eadar-lìon ‘s barrachd a tha ag iarraidh na th’ aca a chur sa Ghàidhlig. ‘S urrainn do seirbheisean a-nis làrach-linn a dhèanamh ann an Gàidhlig fada nas fhurasta na b’ urrainn dhaibh mar tha, agus gu cinnteach tha sin na buannachd ann an Alba fhèin.
Mar na cànanan eile a th’ air Google Translate, thèid na eadar-theangachaidhean a leasachadh fhad ‘s a daoine ga chleachdadh agus aig aon ìre bidh e cho math ri cànanan eile, tha mi an dòchas co-dhiù.
Tha Gàidhlig na chànan anns an 21mh linn agus tha gu bheil e air gabhail a-steach ann an Google Translate na samhla glè làidir de sin.
Seo innealan feumail eile a th’ ann airson Gàidhlig ‘s teicneòlas:
Faclair LearnGaelic – An fhaclair as fheàrr air-loidhne, a’ gabhail a-steach stòr-dàta Am Faclair Beag
Dearbhair airson Microsoft Office 2013 – ‘S urrainn dhut dearbhair litreachadh fhaighinn do Microsoft Office airson gum bidh do litreachadh na b’ fheàrr. Gu mì-fhortanach chan eil e ag obair airson gràmar ged ta!
AutoHotkey – Seo prògram a tha ag obair airson macros a dhèanamh air do chompiutair ach tha mi a’ cleachdadh airson sràcan a chuir air litrichean nas fhasa. ‘S urrainn dhut an sgriobt agam fhaighinn ‘s a chuir nad faidhle Documents air do chompiutar an uair sin ‘s urrainn dhut a’ cleachdadh am putan ALT GR agus an fhuaimreag airson sràc a chur air.