Gàidhlig a’cur £148 millean dhan eaconomaidh

Bha mi air mo dhòigh an raoir nuair a thàinig mi air airtaigail aig a’BhBC a thug an naidheachd seachad gun robh rannsachadh air lorg gu bheil Gàidhlig a’cur a-steach suas ri £148.5 millean gach bliadhna gu eaconomaidh na h-Alba.

Chaidh an rannsachadh fhoillseachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean an dè airson tomhais a’dhèanamh de luach aig a’Ghàidhlig do eaconomaidh ‘s coimhearsnachd na h-Alba san fharsaigneachd.  ‘S i a’chiad oidhirp mhòr riamh air sin a’dhèanamh agus ‘s e na ceum mòr a th’ann do leasachadh a chanan gu bheil measadh den leithid aige.

Bha an rannsachadh steidhichte gu mòr air companaidhean a tha a’cleachdadh Gàidhlig, le còrr ‘s 300 air an sgrùdadh leis.  Thuirt 70% dhiubh gun e taic mhòr a bh’ann an Gàidhlig dhan companaidh aca.  Ged nach robh an rannsachadh a’coimhead air companaidhean taobh a-muigh na Gàidhlig, bha e fhathast a’tighinn do co-dhùnaidhean a bha glè fàbharach don chànan.

Nam beachd ‘sa tha an rannsachadh seo air a chur crìoch dhan argamaid sam bith aig daoine an aghaidh na Gàidhlig mar feart den cultar ‘s beatha poblachd na dùtcha.

Bha fhios againn mar tha air na buannachdan mìorbhaileach a th’aig Gàidhlig do luchd-labhairt a chanan, a leithid sgìlean conaltraidh nas fheàrr, cultar beartach ‘s farsaing, inbhe prògramman nas fheàrr sa chuibheas ‘s fada a bharrachd – ach a-nis tha figearan againn a b’urrainn do duine sam bith a thuigsinn ‘s a’cleachdadh airson luach a chanan a’tomhais ann an doigh cruaidh.

Tha an rannsachadh seo a’sealltainn nach ann dìreach feart cultarail a th’ann an Gàidhlig idir.  Ge b’e de am beachd a th’agad air de cho cudromach ‘s a tha a’chanan, chan eil e rianail sam bith ag radh nach eil £148.5 millean cuideachadh mòr, mòr dhan eaconomaidh.  Tha sin na mac-shamhladh de 5,000 daoine a’dol an sàs san eaconomaidh airson a’Ghàidhlig a-mhàin, agus ged nach eil sin coltach gun e mòran a th’ann, nuair a tha sibh a’smaoineachadh nach eil sin a’gabhail a-steach na rudan a tha na ‘daoine’ seo a’dhèanamh taobh a-muigh na Gàidhlig idir tha e fada nas làidire.

‘S e ‘s dòcha an rud as fheàrr mu dheidhinn an rannsachadh seo gu bheil Gàidhlig a’cur ris an eaconomaidh fada, fada a bharrachd na tha e a’faighinn ann am maoineachadh.  Ann an 2012-13, chosg Riaghaltas na h-Alba £20.6 millean air Gàidhlig.  Aig a char as lugha thuirt an rannsachadh gun robh luach £81.6 millean aig a’Ghaidhlig, agus ma tha Gàidhlig a’cur ceithir uiread den maoineachadh aige air ais dhan eaconomaidh shaoilinn gun e an cosgais as buannachail a th’aig an riaghaltas.  Ach ma cleachdas sinn an tomhais as àirde, tha Gàidhlig a’cur SEACHD uiread den maoineachadh aige air ais dhan eaconomaidh.  Nan robh cothrom agam a’cur airgead a-steach ann an stocan ‘s earranan far am faighinn seachd uiread m’airgead air ais bhiodh mi a’cuir gach sgillinn ruadh agam ann.

Tha fhathast fada ri dhol airson a’Ghàidhlig anns an slighe leasachaidh aige, ach tha an rannsachadh seo a’sealltainn gu bheil a chànan nam pàirt glè chudromach de eaconomaidh na h-Alba thairis air am pàirt glè, glè chudromach a tha e de chultar na h-Alba.  Tha an t-àm ann don sluagh air fad seo a’thuigsinn ‘s a’gabhail ris airson gum fàs a chànan agus gun leasaich ar cultar ‘s eaconomaidh cuideachd

Leave a Reply

Your e-mail address will not be published. Required fields are marked *