Dreachd Plana Cànan Nàiseanta na Gàidhlig Ùr

Chaidh dreuchd fhoillseachadh den ath Phlana Cànan Nàiseanta na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig a bhios a’ stiùireadh innleachdan a thaobh ath-bheothachadh na Gàidhlig airson 2017-2022.  Ann an dòigh gu math fìor ‘s e seo am ‘manifesto’ airson na Gàidhlig san àm ri teachd, agus thathar a’ samhlachadh an adhartais a th’ air tighinn ‘on a chaidh Achd na Gàidhlig fhoillseachadh ann an 2005. Ach cuideachd cho fada ‘s a th’ aig a chànan ri dhol gus am bi inbhe tèarainteachd aige mar a bha CnaG ‘s buidhnean eile a’ strì airson ‘s na 70an ‘s na h-80an.

 

Dhòmhsa, tha e na dheagh toiseach tòiseachaidh agus tha e a’ togail air roinnean air nach robh cùram gu leòr gu ruige seo: leithid taic poilitigeach, luchd-ionnsachaidh inbheach ‘s fòcas air cleachdadh cànan.

 

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an taic poilitigeach aon de na amasan as fheàrr ‘s as glice sa phlana.  Nuair a rinn mi mo thràchdas air Gàidhlig ann an Alba as dèidh devolution bha aon de na co-dhùnaidhean agam nach robh taic brìoghmhor gu leòr ann don Ghàidhlig bho na pàrtaidhean poilitigeach agus leis a sin cha robh reachdas làidir gu leòr ann airson atharrachadh radaigeach adhbharachadh dhan Ghàidhlig mar a tha a dhìth.  Mar sin tha e na duilgheadas do Bhòrd na Gàidhlig na dleastanasan aca a’ libhrigeadh gun chumhachd gu leòr fìor atharrachadh a’ toirt air na structaran institiuideach na h-Alba mar a tha a dhìth airson adhartais nas luaithe adhbharachadh mar a tha iad ag amas.  Chan eil am Bòrd idir cho cumhachdach ris na Coimiseanairean Cànan ‘sa Chuimrigh neo ann an Èirinn, agus mur eil beagan neart air cùlaibh na molaidhean a tha am Bòrd a dhèanamh cha bhith mòran a’ tighinn às na innleachdan aca ged a bhiodh iad air an rathad cheart.

Ma tha a’ Bhòrd soirbheachail anns an amas poilitigeach aca, bhiodh mi an dùil reachdas ùr fhaicinn, Achd na Gàidhlig ùr ‘s dòcha, a bhiodh a’ toirt barrachd cumhachd dhan a’ Bhòrd a thaobh planaichean Gàidhlig a’ sparradh air buidhnean poblach.  Tha am plana a’ soillseachadh geallaidhean bhon Riaghaltas a chuir iad sa mhanifesto aca airson an taghadh seo chaidh, agus tha mi a’ smaoineachadh gun e deagh dhòigh a tha seo impidh a chur orra na geallaidhean a chumail.

 

Tha cuideachd barrachd cùram sa phlana ùr air cùisean a tha a’ buntainn dhan a’ Ghàidhlig gu neo-dhìreach, leithid leasachadh eacanomaigeach ‘s na h-Eileanan an Iar ‘s sa Ghàidhealtachd.  Thathar ag ràdh, gu cheart ‘s gu pungail, gum feumaidh Gàidhlig a bhith na phàirt de innleachdan na bu farsainge airson coimhearsnachdan ionadail iomallach a chuideachadh, ‘s Gàidhlig aon de na feartan cultarach a tha a’ call a bu mhotha nuair a tha eilthireachd ‘s call-obrach ann ‘s na àitichean a bu Gàidhealaiche san dùthaich.  Tha e duilich ag ràdh de b’ urrainn dhan a’ Bhòrd a dhèanamh leis fhèin mu dheidhinn seo, ach tha mi an dòchas gum bidh am pàirt seo den Phlana a’ cur impidh a bharrachd orra co-obrachadh leis an Riaghaltas, HIE (neo ge b’ e dè bhios ann) ‘s an roinn prìobhaideach gus Gàidhlig a chur aig cnag na cùise iomairtean ùra a bhrosnachadh san sgìre far a bheil cothrom as fheàrr ann airson ath-bheothachadh na chànan.

 

‘S toigh leam cuideachd gu bheil caibideil den phlana ann airson cleachdadh na Gàidhlig, ‘s sin ‘s dòcha an àite a bu laige a th’ aig a chànan a thaobh leasachadh an-dràsta.  Le barrachd cùram air clasaichean Gàidhlig ‘s cothroman a chànan a bhruidhinn airson inbhich, shaoilidh mi gum bi sin a’ toirt buaidh mhòr air na amasan eile a thaobh foghlam ‘s inbhe na Gàidhlig cuideachd.  Tha mi daonnan a’ smaoineachadh gu bheil cothroman cleachdaidh an dòigh a b’ fheàrr Gàidhlig a mheudachadh, agus tha e misneachail a’ faicinn gu bheil am Bòrd a togail beachd ùr-nòsach dha sin a thaobh brosnachadh rudan mar spòrs ‘s meadhanan digiteach agus cuideachd a bhrosnachadh co-obrachadh le buidhnean thall-thairis airson ceanglaichean nas làidir a dhèanamh eadar coimhearsnachdan Gàidhlig ‘s Gaeilge air feadh an t-saoghal.

 

Aon rud a mhothaich mi ged tà nach eil air atharrachadh cus bhon Phlana seo chaidh ‘s e nach eil mòran amasan deimhinnte ann a dh’ fhaodadh a bhith air an cleachdadh airson soirbheachas am plana, ‘s a’ Bhòrd ann a bhith ga libhrigeadh, a’ tomhais ann an 2022.  Tha amasan math ann, leithid foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ toirt dhan a h-uile paraiste far a bheil 5% den sluagh le Gàidhlig agus 4 sgoiltean ùra FMG a thogail ro deireadh a phlana, ach chan eil stuth idir ann ri linn an ath chunntas-sluaigh a bhios ann an 2021.  ‘S e àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh am prìomh amas aig a’ Bhòrd, ach dhòmhsa chan eil amasan cruaidh gu leòr anns am plana gus àrdachadh fhaicinn anns an ath chunntas-sluaigh.  Chì sinn de thachras, ach nam bheachd sa feumaidh a’ Bhòrd amasan àrd a dhèanamh airson an taic poilitigeach a tha iad a dhìth a thàladh ‘s piseach ceart a’ toirt air a Ghàidhlig.

 

San fharsaingeachd tha mi brosnachail mu dheidhinn an ath chòig bliadhna dhan Ghàidhlig ma tha a’ Bhòrd soirbheachail anns na h-amasan aca a’ lìbhrigeadh.  Chan eil sinn fhathast idir a’ bruidhinn air Gàidhlig mar gu bheil e sàbhailte neo fiù ‘s dòcha seasmhach, ach ma tha na bun-stèidhean de dh’ fhoghlam, cleachdadh na Gàidhlig, ‘s taic poilitigeach ‘s poblach a’ fàs– bidh cùisean a’ tighinn air adhart bheag air bheag.

 

Tha mi a’ guidhe oirbh an dreachd a’ leughadh ma tha Gàidhlig agaibh neo ma tha ùidh neo taic agad dhan chànan, air sgath ‘s gu bheil an co-chomhairleachadh mu dheidhinn a tha a’ ruith dhan Chèitean an t-àm a b’ fheàrr a th’ aig daoine na beachdan aca chur an cèill dhan a’ Bhùird ‘s ag ràdh ruibh de tha iad a’ smaoineachadh air na planaichean.  Ma tha sibh ag aontachadh riutha neo nach eil, ma tha sinn uile a’ chur ar beachdan dhan Bhùird bidh plana nas làidire, nas èifeachdaiche ‘s, tha mi an dòchas, nas soirbheachaile ann agus thig am piseach a tha sin uile airson fhaicinn.

 

Gheibh sibh an dreachd den Phlana Cànan Nàiseanta na Gàidhlig 2017-2022 an seo.

‘S urrainn dhuibh gabhail pàirt sa cho-chomhairleachadh le bhith a’ gabhail an ceisteachan seo.

Leave a Reply

Your e-mail address will not be published. Required fields are marked *