Prògram GLPS San Àm Ri Teachd

Gun teagamh, ‘s e foghlam aon de na cuspairean as cudromaiche san fharsaingeachd do Ghàidhlig a’coimhead air adhart.  Airson gum fàs aireamh luchd-labhairt an cànan, ‘s fheudar dhuinn ginealachean ùra a’teagaisg.  ‘S e foghlam tro meadhan na Gàidhlig an dòigh as ainmeile ‘s às soirbheachaile seo a dhèanamh, an-dràsda, ach tha am prògram as inntinniche nam beachd ‘sa GLPS: Gaelic Learners in the Primary School.

Tha teagaisg GLPS coltach ri mar a tha Frangais ‘s cànanan Eòrpach eile air an teagaisg ann am bun-sgoiltean air feadh na dùthcha an-dràsda.  Chan eil na cloinn a’tighinn às fileantach, mar a bhiodh iad an deidh FMG, ach tha sgilean bunaiteach aca a dh’fhaodadh iad a’cleachdadh.  Le na sgilean seo, bidh barrachd ùigh ‘s eòlas aig na cloinne mu dheidhinn Gàidhlig, agus le sin, biodh iad na bu coltaiche a bhidh a’cleachdadh a chànan nuair a fàs iad nas sine; ‘s dòcha cumail a’dol leis anns an àrd-sgoil neo ag ionnsachadh barrachd den cànan nuair a tha iad na inbhich.

Le GLPS, ‘s urrainn dhuinn ag atharrachadh inntinn aig grunnan daoine aig nach eil meas airson a Ghàidhlig.  Nuair a bha mi sa bhun-sgoil, bha faireachdainn làidir gun robh mi fhein ‘s na caraidean agam anns an aonad Gàidhlig diofraichte bho na cloinn eile ann an clasaichean Beurla.  Cha robh càil a dh’fhios aig na cloinn ud mun Gàidhlig, agus leis an aineòlas sin bha beagan de sgaradh sòisealta eadar an clas againn ‘s na clasaichean eile.  Air an raon ball-coise, cluich na clasaichean Gàidhlig uile eadar clas 4 ‘s 7 còmhla an aghaidh aon de na dà clasaichean Beurla ann an aon de na bliadhnaichean.  Cha robh miosgachadh ann, mar a shùileadh tu gu nàdarrach air raon-cluiche.  Fhathast anns an àrd-sgoil airson a chiad bliadhna neo dhà, bha beagan de stiogma ann a bhith ionnsachadh Gàidhlig.  Ma bha beagan Gàidhlig ‘s eòlas mun cultair mun chuairt air aig barrachd cloinne na dìreach an fheadhainn ann an clasaichean FMG, cha bhiodh an sgaradh sin ann idir agus bhiodh FMG ag obair nas fheàrr buileach.

Tha duilgheadasan fhathast ann leis am prògram GLPS mar a tha e an-dràsd.  Chan eil ach 20 latha de treanadh ann do tidsearan a tha ag iarraidh an cànan a’teagaisg còmhla ri bhidh tidsearean bun-sgoil àbhaisteach.  Tha seo an taca ri 27 laithean a th’ann do tidsearan ag iarraidh cànan Eòrpach a’teagaisg.  Cuideachd, chan eil ach sia còmhairlean a-mach à 32 a cuir air an treanadh airson na tidsearan aca.  Chan eil sin gu leòr airson buaidh mòr a bhith aige.  Tha na duilgheadasan maoineachaidh seo cumanta do tòrr pàirtean de cultar na Gàidhlig ged ta, agus chan eil GLPS an aon cùis a tha feumachdainn airgead.  Eadar FGM ‘s GLPS, feumaidh an impis a bhith còmhla ri sgoilearean fileantach a chionns gu bheil cothrom nas fheàrr aca dol air adhart leis a chànan.

Nam beachd ‘sa, ‘s e prògram math a th’ann an GLPS – ach feumaidh barrachd taic a bhith air an toirt dha le Bòrd na Gàidhlig ‘s an Riaghaltas airson gum bidh barrachd còmhairlaichean a’tairgse an treanadh do na tidsearean aca.  Cha robh sgeul air a phrògram anns am Plana Nàiseanta na Gàidhlig ann an 2012 – rud a bha neònach leis na tha am Bòrd a dheànamh ann a bhith a’feuchainn ri tidsearean ‘s sgoilearean ùra a’tarraing a-steach.  Tha mi an dòchas gum bi guth air anns an ath phlana ann an 2017.

Aon latha, bhiodh e math gum faigh gach sgoilear cothrom beagan Gàidhlig ionnsachadh ann am bun-sgoil.  Cha bhiodh seo cho làidir ri na tha sgoiltean anns a’Chuimrigh neo Eirinn a dhèanamh, far am feum gach sgoilear a dèanamh teisteanas anns a chànan aca, ach bheireadh e cothrom do miltean blas de Gàidhlig fhaighinn ‘s biodh sin miorbhaileach airson an cànan leasachadh ann an inbhe ‘s aireamhan.

Leave a Reply

Your e-mail address will not be published. Required fields are marked *