An ceann còig latha thèid an teaghlach Brain, Gregg, Lachlan ‘s Kathryn a th’ air dealbhachadh gu h-àrd, cur à Bhreatainn le Oifis na Dùthcha air sgath ‘s gu bheil iad na visas aca air crìochnachadh. Thèid an teaghlach, a th’ air an dachaigh aca a’ dhèanamh an seo ann an Inbhir Pheofharain fhèin, a chur air plèana gu taobh thall an t-saoghal, ged a tha iad na buill mhath de choimhearsnachd na sgìre. ‘S e maslachadh a bhios seo don dùthaich againn, agus feumaidh sinn na ‘s urrainn dhuinn a dhèanamh airson ‘s nach tachair e.
Seo sgeulachd na Brains gu ruige seo: Thàinig iad do dh’ Alba à Astràilia ann an 2011 nuair a rinn Kathryn ceum eachdraidh ‘s àrc-eòlas aig Oilthigh Dhùn Èideann. Bha iad air còrr ‘s sia bliadhna cur seachad roimhe sin feuchainn ris an gluasad mòr a dhèanamh timcheall an t-saoghal. Bha cùisean nas duilghe buileach nuair a bha pàiste aig Gregg ‘s Kathryn ann an 2009, le Lachlan òg a-nis pàirt den teaghlach aca.
Ach ghluais iad agus rinn Kathryn an ceum aice agus a-nis tha iad a’ fuireach an seo ann an Inbhir Pheofharain.
‘S e an rud, ged tà, gun tàinig iad a-steach dhan dùthaich mar phàirt de sgeama aig Riaghaltas na h-Alba ‘s Oifis na Dùthcha airson daoine bho seann pàirtean den Ìompaireachd Bhreatainn a thàladh air ais do dh’ Alba, a’ guidh air na ceanglaichean aig na daoine sin tro na sinnsearan aca dhan sgìre . Mar sin, tha an t-Oifis anns an staid gu bheil iad cur às an dùthaich air falbh daoine air an tug iad chuireadh sa chiad dol a-mach.
‘S e an rud as inntinniche mu sgeulachd na Brains gun e Gàidheal a th’ ann an Lachlan òg, ‘s e na sgoilear aig Bhun-sgoil Inbhir Pheofharain ‘s e anns na clasaichean Gàidhlig an sin. Tha e air a bhith an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bho Cròileagan ‘s tha e air an t-slighe na bhith na ball fileanta sa choimhearsnachd Gàidhlig.
A-nis, ged tà, tha Oifis na Dùthcha ag ràdh gu bheil iad an seo gu mì-laghail ‘s na visas aca air crìochnachadh, le atharraichean san lagh on a thàinig iad an seo a’ ciallachadh gu bheil sin ceart.
Ach, nach eil e mi-rianail gu bheil an teaghlach seo – a th’ air a chur tòrr dhan coimhearsnachd ‘s a tha co-choslachadh cho math ‘s a b’ urrainn teaghlach sam bith – air chur à Bhreatainn?
Tha in-imreachd na bonn-deasbad mòr ann am Breatainn an-dràsta ‘s tha air a bhith mar sin airson grunnan bliadhnaichean a-nis. Nuair a thàinig a chrìonadh eacanomaigeach, bha feadhainn air taobh deas poilitigs a’ lorg buidheann eile airson a choire a’ crochadh air an àite na caraidean aca: na bancairean. Mar sin, thàinig na daoine a tha air in-imreachd, na daoine a tha a’ tighinn gu Bhreatainn airson beatha na b’ fheàrr a chruthachadh dhaibh fhèin ‘s dhar dùthcha a thàinig ri bhith fo amas.
Tha seo gu tur ceàrr, agus chan eil e idir cothromach. Cha bu chòir dhuinn a’ dol leis an sgeulachd a tha air an snìomh mar seo agus gu h-àraidh cha bu chòir dhuinn sin a’ dhèanamh nuair a tha teaghlach òg le clann òg fo bhagairt an dachaigh aca an seo a chall.
Fiù ‘s nan robh an argamaid gum bu chòir ìrean in-ìmreachd a bhith nas ìsle ceart, nach eil e tàmailteach gu bheil co-dhùnadh air a bhith an dèanamh nach eil fàilte air teaghlach coltach ris na Brains an seo? Shaoileadh mi gu bheil iad na sàr-samhla de daoine a tha sinn ag iarraidh imreachd dhan dùthaich againn, ach gu mi-fhòrtanach dha-rìreabh chan eil Oifis na Dùthcha aontachadh.
Tha an teaghlach Brain ach aon eisimpleir de na tha a’ tachairt air feadh na dùthcha, ach leis cho faisg ‘s a tha iad dhomh tha e air fìor buaidh a’ toirt orm ‘s tha mi cinnteach mòran ‘sa choimhearsnachd.
Tha taic mòr air a bhith air na Brains bho Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, ‘s Buill-Pàrlamaid an sgìre ‘sa Ian Blackford air tòrr a dhèanamh airson aire a’ tàladh do chèis na Brains ‘s fiù ‘s ceist aig Ceistean a’ Phrìomhaire an-diugh a’ faighneachd air an Seansalair Seòras Osborne carson a bha Oifis na Dùthcha cho cruaidh air an teaghlach. Ged a tha taic air a bhith ann ged tà, agus a-nis aire gu leòr cuideachd, tha e coltach mar a tha cùisean gun tèid an teaghlach cùr às an dùthaich – ‘s abair masladh a bhios sin.
Chan eil an strì deiseil fhathast ged tà, agus ‘s ann as làidire a tha an ùpraid mu dheidhinn ‘s ann as buailtiche a bhios e gum bi atharrachadh aig poileasaidh Oifis na Dùthcha, fiù ‘s ma ‘s e air an cèis sònraichte seo a-mhàin.
Mar sin, an cuireadh tu d’ ainm ris an ath-chuinge airson an teaghlach a chumail ‘san dachaigh aca an seo ann an Inbhir Pheofharain? https://you.38degrees.org.uk/petitions/help-the-brain-family-with-their-fight-to-stay-in-the-uk
Cha chanainn tric gu bheil ath-chuingean a’ dèanamh mòran diofar, ach an-dràsta tha gach samhla do taic airson na Brains cuideachail ‘s feumail ‘s mar sin tha mi guidh oirbh na ‘s urrainn dhuibh a’ dhèanamh a’ dhèanamh.
Tha mi dha-rìreabh an dòchas gun tig co-dhùnadh toilichte ri sgeulachd na Brains, ‘s gum b’ urrainn dhaibh fuireach san dachaigh aca an seo ann an Inbhir Pheofharain ‘s gum b’ urrainn do Lachlan òg cumail air leis a Ghàidhlig.
Chan ann dìreach na Brains a bhios sinn a chall ma thèid iad a chur às an dùthaich, ach bidh sinn cuideachd a chall an inbhe a th’ aig Breatainn mar dùthaich far am faod daoine tighinn ‘s beatha na b’ fheàrr a dhèanamh dhaibh fhèin. Feumaidh nach tachair seo.