Tha athchuinge air Change.org a’faighneachd air Riaghaltas na h-Alba Gàidhlig a’dèanamh na cuspair riatanach do sgoilearean eadar aois 3 ‘s 12 air deasbad beothail a’dhèanamh air loidhne mu dheidhinn foghlam Gàidhlig san àm ri teachd.
Airson an comhradh tuigsinn gu iomlan, tha e cuideachdail sùil a’gabhail air staid foghlam na Gàidhlig an-dràsda. Is e am priomh amas ann a bhith ag ath-beothalachadh na Gàidhlig ann am beachd a mhòr-chuid. ‘S e an dòigh as fhasa airson luchd-labhairt ùra a’tarraing a-steach don chànan agus tha diofar seòrsaichean ann.
Ann an 1985, chaidh a chiad sgoilearan a-steach do ionadan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean, ‘s iad a’faighinn foghlam air an libhrigeadh cha mhòr gu iomlan tron chànan. Thòisich am prògram le 24 sgoilearan ann an 2 sgoiltean, ach tha e air dol am meud ann an cabhag bhon a sin. A-rèir Bòrd na Gàidhlig, bha 989 cloinne ann an sgoiltean àraich, 2,500 ann am bun-sgoiltean agus 1,104 ann an àrd-sgoiltean air feadh na dùtcha ann am foghlam tro meadhan na Gàidhlig anns am bliadhna sgoile 2012-13. Tha foghlam tro meadhan na Gàidhlig air a bhith air leth soirbheachail agus tha cruaidh fheum ann a-nis airson tidsearan ‘s sgoiltean Gàidhlig. Anns an deachad mu dheireadh, tha sgoiltean Gàidhlig a-mhàin air a bhith a’togail (neo am planadh) airson Glaschu, Dun Eidinn, Inbhir Nis agus Port Rìgh.
Tha dòighean eile ann leis a bheil Gàidhlig air teagaisg. Bha 2,703 sgoilearan a’dèanamh Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh anns an àrd-sgoil ann an 2012-13. Dòigh eile ‘s e GLPS, a tha a’teagaisg a chànan ‘s an aon dòigh ‘s a bheil Frangais ‘s cànanan Eòrpach eile air an teagaisg ann an sgoiltean Albannach an-dràsda. Tha am prògram fhathast aig ìre trath, mar a chur mi an ceill ann an artigail eile, ach tha mi den beachd gum b’urainn dha a bhidh uabhasach soirbheachail do sgoilearan agus don cànan.
‘S e GLPS an dòigh teagaisg a tha mi a’smaoineachadh gun robh ùghdar an athchuinge Change.org, Callum Wilkie, a suileachadh mar amas. Ged nach eil na sgoilearan a tighinn às mar fileantaich, tha iad a’faighinn blas math den chànan ‘s an cultair aice ‘s faodaidh iad dearbhadh dhaibh fhein a bheil uidh aca ann. ‘S dòcha gun e ceum caran mòr a bhiodh e nan robh Gàidhlig air teagaisg mar cuspair ann an sgoiltean air feadh Alba, ach bhiodh e air leth mhath. Bhiodh e fada nas soirbheachaile mar cuspair riatanach na am prògram GLPS mar a tha e an-dràsda agus bheireadh e buannachdan do Gàidhlig fada na bu luaithe.
Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn mar tha gun toireadh iad a-steach poileasaidh 1 + 2 airson ionnsachadh cànanan anns a bhun-sgoil, far an ionnsaich sgoilearan dà cànanan eile thairis air Beurla. Bhiodh Gàidhlig gu sònraichte freagarrach airson seo. Thuirt an Aithisg air a’phoileasaidh, a bha ann am manifesto Partaidh Nàiseanta na h-Alba ann an 2011, gum biodh Gàidhlig cho cudromach mar taghadh airson sgoilearan ri cànanan Eòrpach eile, cànanan de dùthaichean aig a bhios eaconomaidhean làidir agus cànanan ann an coimhearsnachdan aig sgoilearan. Mar sin, chan eil cruaidh fheum airson an athchuinge airson iarraidh air an Riaghaltas Gàidhlig a dhèanamh na cuspair riatanach ann an sgoiltean, a chionns gu bheil Gàidhlig mar pàirt cudromach do plana an Riaghltas airson curraicealam na bun-sgoiltean.
Ged a tha an athchuinge a’cruinneachadh barrachd ainmean, tha feadhainn ann a tha a’ceasnachadh cho feumail ‘s a tha e. Tha argamaid cumanta ann gun dean meudachadh luath foghlam Gàidhlig barrachd cron do cliù a chànan. Ma tha sinn a’toirt air daoine gun spreag an cànan ionnsachadh, mar a thuirt VinzShandor air Reddit, ‘s dòcha gun dèanadh e mialachd don cànan agus milleadh sin bliadhnaichean de obair cruaidh ann a bhith a’brosnachadh deagh beachd air a Ghàidhlig. Tha cuid ag radh cuideachd gun e poileasaidh airson cànanan le tòrr luchd-labhairt a tha a bhith a’dhèanamh ga ionnsachadh riatanach – mar a thathas a’dèanamh air feadh na Roinn Eòrpa le Beurla. Chan eil e cho eifeachdach le bhith ga teagaisg na Gàidhlig. Cuideachd tha an argamaid cumanta ann ag radh nach bu chòir dhuinn a chànan a’maoineachadh a chionns gu bheil ach sluagh beag ga bhruidhinn.
Chan eil mi a’smaoineachadh gu bheil na duilgheadeasan seo nas làidire na na buannachdan a tha a’tighinn leis a’Ghàidhlig ged ta, ged a tha iad a’dèanamh ciall. Tha mi a’creidsinn gun toigh le cloinn Gàidhlig ionnsachadh ceart cho math ‘s a tha iad le cuspair eile san sgoil. Tha tòrr luth-cleas ann leis a Ghàidhlig a bhios a’còrdadh ri cloinn agus a dh’fhaodadh a bhith math airson gan teagaisg. ‘S toigh le cloinn a bhith a’seinn neo a’gabhail pàirt ann an drama – dà luth-cleas aig a bheil Gàidhlig uabhasach fhein math air a bhith a’toirt a-steach a h-uile duine. Bhiodh seo gu cìnnteach ag àrdachadh aireamh sgoilearan a’dèanamh Gàidhlig anns an àrd-sgoil agus cuideachadh e gu mòr leis an trioblaid a th’aig mòran cloinn le Gàidhlig gu bheil iad a’faireachdainn mar coigreach air sgath gu bheil iad air an teagaisg ann an dòigh diofraichte na na cloinn ann an clasaichean Beurla.
Ged ‘s e mion-cànan a th’anns a Ghàidhlig, tha iomadach sgilean a gheibh sibh nuair a ionnsaich sibh Gàidhlig a dh’fhaodadh a bhith a’cleachdadh ann an suideachaidhean eile. ‘S urrainn Gàidhlig a bhith a chiad fear de iomadh cànan a dh’ionnsaich sibh, leis na sgilean ann a bhith ionnsachadh cànan gu math coltach eadar diofar cànanan. Tha Gàidhlig cuideachd gad leigeil a-steach do saoghal cultarail a tha air am falach mur eil an cànan agaibh, ‘s ‘s e cultair beartach, aosta ‘s againne a th’ann. ‘S e cànan àlainn ‘s brìoghmhor a th’anns a Ghàidhlig ‘s tha e air pìosan rosg, bàrdachd ‘s drama mìorbhaileach air a dhèanamh a dh’fheumas sibh an cànan airson ga thuigsinn gu ceart.
Cha bhith Gàidhlig an cànan a bu mhotha a-rithist ann an Alba, agus chan fheum e a bhith, ach ‘s e sgil làidir a th’ann a tha a’cuideachadh luchd-labhairt barrachd fhaighinn bhon t-saoghal aca. ‘S urrainn seo a bhith cho sìmplidh ri eisteachd ri òran neo dha neo cho mòr ri obair fhaighinn. Faigh a h-uile duine a ionnsaicheas Gàidhlig buannachd às.
Cur mi m’ainm ris an athchuinge a chionns gu bheil mi den beachd gu bheil càil sam bith a tha a’toirt barrachd aire ‘s urram don chànan, gu h-araidh le BPA, math dha. Tha mi a’creidsinn gur dòcha gum bidh Gàidhlig mar cuspair riatannach ann an curraicealam Alba còmhla ri Beurla agus cànan eile, ged a bhiodh ùine ann mus bi tidsearan gu leòr air an treanadh – ged a bhiodh seo tron siostam nas luaithe a tha tidsearan GLPS a’dol tro an-dràsd.
Tha mi a’creidsinn gum bu chòir Gàidhlig a bhith air an teagaisg do gach pàiste ann an Alba. Tha na buannachdan a bhith dà-chànanach, neo fiù ag ionnsachadh pàirt de cànan eile, a thaobh eanchainn ‘s academaigach mòr ‘s air dearbhadh. ‘S e pàirt glè chudromach do cultair ‘s dualchas againn a th’ann an Gàidhlig agus tha mi a’creidsinn gum bu chòir a h-uile duine ann an Alba a bhith mothachail air ‘s a’faiginn toileachais às. Airson an “ionmhas àraid prìseil”, mar a thuirt aon neach a’cur a h-ainm ris an athchuinge, feumaidh dhuinn cothrom a’toirt do daoine airson an cànan ionnsachadh ‘s a’cleachdadh. Barrachd air a seo, ‘s e cànan beothail a th’anns a Ghàidhlig. A’cuir a h-uile càil ri cheile, tha mi den bheachd gur e Gàidhlig aon de na cuspairean as buannachdail san fharsaingeachd do sgoilearan agus gum bu chòir gach pàiste ann an Alba cothrom beartaichail ‘s misneachail seo fhaighinn.
Tha e fhathast ri fhaicinn am bi fìor bhuaidh aig an athchuinge seo don chànan. Le bhith air làrach-linn neo-oifigeil an taca ri an fhear aig an Riaghaltas agus le ach mu 180 ainmean, an turas mu dheireadh a thug mi sùil air, chan eil e coltach gum bith freagairt oifigail dha. Co-dhiù, tha an athchuinge air sealltainn an doimhneachd de fairechdainn airson agus an aghaidh foghlam Gàidhlig riatanach agus, mur am faigh sinn càil eile às, ‘s urrainn dhuinn na beachdan seo a’cur còmhla airson Gàidhlig a’neartachadh a’dol air adhart, gun diofar ciamar a dhèanainn sin. Aig a char as lugha ‘s urainn dhuinn uile aontachadh air a sin.