The Kellow Miscellany

Sradagan am Buannachd

Tha mòran air a dhèanamh den dìth cothroman a th’aig daoine leis a’ Ghàidhlig airson an cànan aca a bruidhinn taobh a-muigh sgoil neo obair. Tha mi ag aontachadh gum biodh e math barrachd aitichean a bhith ann far am bidh Gàidhlig an cànan a th’air an cleachdadh.  ‘S e obair cruaidh a th’ann tachartasan a chur air doigh.  Ach tha sàr eisimpleir againn mar tha sa Ghàidhlig – ‘s ‘s e sin Sradagan.

‘S e pàirt mòr de mo bheatha Gàidhlig a bh’ann an Sradagan nuair a bha mi nas oige.  Bho clas a tri, neo ‘s docha nas traithe, chaidh mi dhan club gach seachdainn airson a’cluich còmhla ri mo charaidean aig an robh Gàidhlig.  Chòrd e ruinn tòrr.  Chluich sinn ball-coise cha mhòr gach seachdainn, ‘s bha partaidhean uabhasach math ann airson amannan mar Oidhche Shamhna ‘s na Nollaige.  Bha mi fhein ‘s mo charaidean a’coimhead air adhart ris, air Diciadain , bhon deireadh seachdainn.  Bha deagh spòrs ann aig Sradagan a’cluich anns a Ghàidhlig.

Tha mi a’smaoineachadh gun robh cothroman ann airson cloinn aig an aon aois ruinn aig nach robh Gàidhlig rudan coltach ri Sradagan a dheanamh – ach shaoileadh mi gum biodh a mhor chuid dhiubh air an ceangail ris an t-eaglais neo buidhnean aig eagrachaidhean eile.  Thug Sradagan dhuinn cothrom a bhith a’cluich – ‘s sin a-mhàin, gun ‘agenda’ ri chulaibh, ach ‘s docha airson an cànan a’brosnachadh taobh a-muigh na sgoile.

Chan eil mi a’smaoineachadh gun robh an leithid de chothromman aca airson turasan ‘s mar sin ged ta.  Gu dearbh an cothrom as fheàrr a fhuair mi còmhla ri Sradagan ‘s e bhith a’dol dhan Alps ann an Eadailt airson a’gabhail pàirt ann an “Eurosnow”, far an robh buidhnean bho mion-cànanan eile bho air feadh Eòrpa a tighinn còmhla.  ‘S e turas miorbhaileach a bh’ann, ann an teas meadhan an treasamh term ann an Clas 6, agus tha cuimhnichean agam a mhaireas fada nam inntinn bhuaithe.  Dh’ionnsaich mi tòrr mu cultaran eile, ‘s bha e math aig an aois sin a’faicinn daoine bho air feadh Alba aig an robh Gàidhlig, a’sealltainn dhuinn gu bheil a chànan air am bruidhinn taobh a muigh an coimhearsnachd beag againn fhìn.

Mar seo, ‘s e rudeigin uabhasach math a bh’ann an Sradagan.  Nuair a chaidh iarraidh orm anns a cheithreamh bliadhna den acadamaidh a bhith an stùriche aig Sradagan, ghabh mi an cothrom sa bhad.  Bha mi ag iarraidh gum biodh na cothroman miorbhaileach aig ginealach eile.  Gu mi-fhòrtanach, cha robh Sradagan air an cumail anns an togalach anns a bha e roimhe.  Nuair a bha mise anns am bun-sgoil ‘s aig Sradagan – bha e air an cumail ann an togalach café oigridh.  An sin bha bòrd pool, bòrd hocaidh eadhar, T. Bh. ‘s Playstation ‘s rùmannan eile airson daoine a bha airson rudan nas sàmhaiche a dhèanamh.  Nuair a bha mise nam stùiriche, cha robh agam ach talla agam airson tachartasan cuir air doigh.  Bha e doirbh a’tighinn an àrd le geamaichean ùr ‘s tachartasan airson gum biodh gach seachdainn caran diofraichte.  ‘S e dubhlan a bh’ann, ach tha mi nam beachd gun deach cùisean gu math.  Chùm mi orm Sradagan a stùireadh gus an do dh’fhàg mi Inbhir-Pheofharain airson oilthigh

Cha deach a h-uile càil ceart airson Sradgan fad na h-ùine.  Cha robh e furasda aig amannan Gàidhlig a bruidhinn airson an uair a thìde air fad.  ‘S e duilgheadas a bh’ann dhòmh nuair a bha mi a’tadhail air Sradagan agus airson na cloinn nuair a bha mi a’stùireadh an club.   Duilgheadeas eile ‘s e am ‘politigs’ ri chùlaibh an club, le comataidh a stùireadh an club le beagan Gàidhlig  aca fhèin ‘s uaireannan beagan ùidh ann a bhith a dèanamh a leithid de dh’obair a b’ fheudar dhaibh a dhèanamh airson an club a cumail a’dol.  Sgùr Sradagan dà thuras eadar an àm a thòisich mi bun-sgoil ‘s thòisich mi an club a stùireadh mi fhìn, gach turas a chionns nach robh gu leòr daoine ann airson a chomitaidh.  Chan e duilgheadas sònraichte do Sradagan a tha seo, ach le aireamhan sgoilearan Gàidhlig fhathast ìosal, chan eil an ìre de parantan a dh’fhaodadh cuideachadh àrd gu leòr airson cùisean a dh’atharrachadh.  Tha mi an dòchas nuair a dh’fhàsas aireamh cloinne ann an foghlam tro meadhan na Gàidhlig bidh aireamahan pàrantan a tha a’cuideachadh air comataidhean Sradagan a’dol am meud cuideachd.

Chan eil càil ann an saoghal an inbheach a tha coltach ri Sradagan a thaobh a’toirt luchd-bruidhinn Gàidhlig ri chèile.  Tha clubaichean ann ‘s clasaichean ann, ach chan eil iad sin a ruith tric gu leòr airson a bhith eifeachdach.  ‘S dòcha gu bheil seo air sgath gu bheil beatha inbhich nas trainge, ‘s chan eil an àm ann airson a tadhail air tachartasan sòisealta.  Tha mi a’smaoineachadh gun fheum barrachd cothrom a bhith ann airson Gàidhlig a’bruidhinn ri inbhich eile gu sòisealta, ach ciamar a dhèanainn sin ann an doigh eifeachdach, nàdarrach – chan eil fhios ‘am.

Gu cìnnteach, ‘s e Sradagan aon de na buannachdan a bhith nad luchd-labhairt òg na Gàidhlig.  Tha beagan aig a Ghàidhlig ri dhol airson a chànan a brosnachadh ann an suidheachaidhean sòisealta, ach ma tha sinn a’coimhead air na rudan a tha Sradagan a dhèanamh cho math ‘s ga cleachdadh gu ceart, bidh leasachadh anns a chànan tha mi an dòchas.

Exit mobile version