The Kellow Miscellany

Niteworks – NW: Ath-sgrùdadh

Bha mi tric den bheachd gun dèanadh measgachadh de chiùil caran tradiseanta ‘s Gàidhealach ‘s ciùil dannsa eileagtronaigeach gu math, agus bha mi gal org fad ùine.  ‘S e an ceòl aig Martyn Bennett as fhaisge dhi, ach cho math ‘s a bha e gu sònraichte bochd chaoicheal e barrachd ‘s deich bliadhna air ais a-nis.  Cha robh mi air a leithid de cheòl a’ chluinntinn bho daoine sam bidh eile, gus a’ mhìos seo.

Tha Niteworks air a bhith mun cuairt airson ùine a-nis mar a thachair, ach ‘s e a’ mhìos seo far an do chuir iad air bhog a’ chiad album aca NW.  ‘S e pìos sònraichte math electronaiga a th’ ann le feartan Gàidhlig nam measg ann an dòigh a tha a’ ceangail gu dlùth ri cultar ‘s ceòl tradiseanta ann an dòigh eifeachdach dha-rìreabh.

Tha an seorsa ciùil aca gu math coltach ri Porter Robison anns an dòigh a tha e a’ toirt deachd bho ceòl na Gàidhlig mar a thug Robinson bho ceòl à Iapan airson an album Worlds aige.

Tha seinneadairean ainmeil à saoghal na Gàidhlig a-nochdadh ‘s na h-òrain coltach ri mar a tha Disclosure a dhèanamh, le Kathleen NicAonghais, Deirdre Greumach ‘s Alasdair Geal uile a’ toirt doimhneachd dhan cuid òrain.  Tha iad seo uile a’ tòirt an cruth de òrain tradiseanta Gàidhlig le taic bho pìosan eileagtronaigeach, agus tha seo ag obair gu sònraichte math.  Tha NicAonghais a’ dhèanamh fìor mhath air an òrain “Maraiche”, a’ tòirt faireachdainn gu math dorcha a tha ag obair gu druidhteach an taca ris am fuaim àbhaisteach a th’ aig ceòl na Gàidhlig gu tradiseanta.

‘S e na h-òrain as fheàrr leam air an album dà òrain glè diofraichte bho chèile ‘s an stoidhle eileagtronaiga aig Niteworks.  ‘S e a’ chiad òrain air an album “Beul na h-Oidhche” agus ‘s dòcha gun e an òrain as eileagtronaig a gheibheadh tu air, le buille làidir ‘s tòrr ruidheam ‘s pìos bhon a’ phìob mòr nach eil idir às àite.  Air an taobh eile tha “Aiseag Mal Rubha” òrain glè sheimh ‘s socair agus gad dhèanamh saorsnail, le synth neo dha an aon samhla nach e ceòl tradiseanta buileach a th’ ann.  ‘S e an dibhearsainn seo a tha a’ chuir mòran luach dhan album, ‘s ged a tha an aon faireachdainn aig tòrr de na h-òrain chan e cùis dòrainn a th’ ann idir.

Òrain glè mhath eile ‘s e am fear mu dheireadh, “Coming Down”, a tha a’ grùdadh fuaim air a tha Niteworks ag amas ‘s a’ cruthachadh pìos ciùil fèir spracail.  ‘S e an aon diù a th’ ann ged tà gu bheil crìoch a’ tighinn air ro thrath, ‘s ‘s e sin ruideigin a tha a’ tachairt ro thric air an album nam beachd ‘sa.

‘S e album sgoinneil math a th’ ann san fharsaingeachd, ach tha òrain neo dha nach eil ceart cho làidir an siud ‘s an seo.  Ged a bu chòir dhan òrain “Somhairle” a bhith na moladh dhan fhear fhein le teachdaireachd làidir mu mairainneachd na Gàidhlig tha e cus an urra ri an clàradh guth Somhairle agus tha sruth an album air chall beagan air coireach sin.  Ged a tha mathanas agam dhaibh a chionns gun e a’ chiad album a th’ aca a  th’ ann, tha na rudan beaga bìodach seo a’ toirt gleans far an album beagan.

Tha Niteworks comasach air ceòl eileagtronaigeach Gàidhlig a dhèanamh na ìomhaigh aca fhèin anns an aon dòigh a rinn Runrig le ceòl rock ‘s na ginealachan a chaidh seachad.  ‘S dòcha gu bheil soirbheachas air na charts beagan air falbh fhathast ach tha tàlant ann gu dearbh agus ma tha iad a’ fàs ‘s a’ dèanamh ceòl nas fheàrr buileach tha mi cìnnteach leis an fhoirmle a th’ aca gun dèanadh iad hit.

Ma ‘s toil leat ceòl eileagtronaigeach àileach neo ceòl Gàidhlig san fharsaingeachd bu chòir dhut èisteachd ris an album seo.  ‘S dòcha gun e Niteworks an ath còmhlan mòr sa Ghàidhlig, a’ toirt air adhart dhan 21mh linn le snas.

‘S urrainn dhut NW a’ ceannach air Bandcamp neo èisteachd ris gu h-ìosal le Spotify.

Exit mobile version