The Kellow Miscellany

Am Faod Mi Facal Iasad?

‘S e feart den chànan againn a tha sinn uile glè mothachail air a th’ann am faclan iasad.  Ma tha Gàidhlig agad, tha sibh air cluinntinn beagan feala-dhà mu dheidhinn a leithid de faclan mar coimpiutair, telebhisean ‘s fòn.  Tha na faclan seo air tighinn bhon Beurla gu follaiseach.  Tha iad soillear ‘s furasta dhuinn tuigsinn – carson a dhèanadh sinn an àrd faclan eile air a shon?  Tha faclan iasad aig faisg air a h-uile cànan air an t-saoghal, tric nuair a tha cànan eile a’deànamh oidhirp nas fheàrr air rudeigin a cuir an ceill.  Mar luchd-labhairt na Gàidhlig, tha sinn a’faighinn beagan a bharrachd na bu chòir dhuinn de magadh airson seo.  ‘S dòcha nach eil e cuideachail gu bheil faclan Beurla air an sgaoileadh air fad comhradh eadar daoine le Gàidhlig.  ‘S e an fhìrinn, ged ta, gu bheil Beurla (gu h-araidh anns a Ghaidhealtachd ‘s Alba air fad) ceart cho ciontach airson faclan a’goid bhon Gàidhlig ‘s a tha sinne an rathad eile.

Chan eil e ro doirbh faicinn carson a tha faclan Gàidhlig air a bhith a’sùghadh a-steach don Bheurla.  Bha Gàidhlig aig cuid as motha de sluagh a Ghaidhealtachd mus tainig saighdearan Sasainneach a-nuas airson Blàr Cul Lodair ‘s càineadh a’cur air cultair Albannach an deidh sin.  Fhad ‘s a bha daoine ag ionnsachadh Beurla mar a bha feum aca, chùm iad facal neo dha Gàidhlig a bha nas fheàrr air na faireachdainn aca a’sealltainn na facal Beurla sam bith.  Tha mi cinnteach gun do dh’ionnsaich Sasainneach neo dha beagan Gàidhlig fhad ‘s a bha iad an seo ‘s gun do cuidich iad sgaoileadh facal-iasad neo dha iad fhein.

De th’anns na faclan iasad seo, ma tha?  Fear as fheàrr leam ‘s e “smashing”, mar a chanadh tu nuair a bha rudeigin glè mhath.  Nach eil seo caran coltach ri “’s math sin”?  Tha mise, ‘s luchd-cànanachas ceart, a’smaoineachadh gu bheil e ro coltach a bhith na thubaist.  Fear eile ‘s e nuair a chanas daoine “ta” an aite “thank you” ann am Beurla.  Tha “ta” nas coltaiche a bhith a’tighinn bho “tapadh leat” na “thank you”.  Tha gnathasan-cainnt Beurla cuideachd air an iasad bhon Gàidhlig.  Tha an gnathas, “The rain was teeming down” a’tighinn as an fhacail Gàidhlig taomadh, a tha a’ciallachadh an aon rud.  Nuair a tha cuideigin ann an suidheachadh doirbh, canadh tu ann am Beurla gu bheil iad “under the cosh”.  Tha seo a’deanamh fada a barrachd ciall ann an Gàidhlig, far a dh’fhaodadh tu a bhith fo cas cuideigin.

Tha eisimpleir eile agam a tha a’còrdadh rium gu mòr.  Shaoileadh mi gu bheil fhios aig a h-uile duine gun tàinig am facal “whisky” as a Ghàidhlig, uisge.  Ach cuideachd thàinig am facal “galore” as a Ghàidhlig, gu leòr.  Mar sin tha ainm an fiolm ainmeil, “Whisky Galore” a tha stèidhichte air Eirisgeidh, a’tighinn à Gàidhlig cuideachd. ‘S e pios tribhia math a tha sin nam beachd (‘s tha fhios ‘am gun do cleachd mi facal-iasad mi fhèin an sin).

Tha fiu ‘s facal Gàidhlig ri lorg air am periodic table.  Tha eileamaid 38, Strontium, air an ainmneachadh an deidh am baile Strontian ann an Loch Abar, far an deach an eileamaid a’lorg an toiseach.  Mar grunnan bailtean eile anns an duthaich, tha an t-ainm Beurla am baile a’tighinn às a Ghàidhlig – ‘s e Sròn an t-Sìthein a th’air.  Tha fhios aig mòran gu bheil buaidh mòr aig Albannaich air saidheans, ach chan eil fhios aig mòran gu bheil buaidh aig a Ghàidhlig air.

Chan eil iad seo ach beagan den fhaclan ann am Beurla a tha a’tighinn bhon Gàidhlig.  Nuair a tha thu a’coimhead air feartan cruinn-eòlas neo culturail Alba tha iomadh faclan eile ann.  Tha faclan mar ben (beinn), clan (clann), cairn (càrn), ghillie (gille), glen (gleann), loch ‘s sporran (sporan) uile a’tighinn bhon Gàidhlig.

An ath turas a tha sibh ann an suidheachadh far a bheil beagan feala dhà ann mu dheidhinn faclan gòrach aig a Ghàidhlig, bidh cìnnteach ‘s dh’innis dhaibh a leithid a tha Beurla air a’gabhail bhon Gàidhlig cuideachd.

Ma tha ùigh agad ann an faclan-iasad eile, tha duilleag math air làrach-lin Sabhail Mòr Ostaig mu dheidhinn agus cuideachd artaigail air Wikipedia le eisimpleirean eile.

Exit mobile version