Snaim Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir-Nis

Mu dheireadh thall, tha ceannard làn-uine aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir-Nis.  An deidh agallamhan cola-deug air ais, a-reir am BBC, ‘s e an ceannard ùr an ceannard a th’air a bhith ann airson faisg air bliadhna, ann am post eadar-amail, Mgr. Seumas Lyon.

Tha mi toilichte crìoch fhaicinn dhan snaim seo airson an sgoil.  Tha e air a bhith a’dol fada ro fhada.

‘On a dh’fhosgail an sgoil ann an 2007, chan eil ach aon ceannard stèidhichte air a bhith ann ro Mgr. Lyon.  Bidh an fheadhainn ann an clas a sia air ceithir ceannard fhaicinn fhad ‘s a tha iad air a bhith san sgoil.  Airson a chiad sgoil Gàidhlig a-mhàin san dùthcha, ‘s e masladh a tha seo.

Aig àm nuair a tha an Riaghaltas, Bòrd na Gàidhlig ‘s iomadach buidheann eile a’feuchainn ri sealltainn gu bheil obair ann leis a Ghàidhlig, ‘s e fìor droch eisimpleir a th’anns an snaim seo airson beothalachd obair Gàidhlig.

An deidh dhaibh fhastadh luchd-ionnsachaidh san eadar-ama, a bhiodh ceart cho comasach aig an obair ri fileantach, dh’fheuch iad fileantach fhaighinn fhathast.  Chaidh luchd-ionnsachaidh a-steach ‘s a-mach às a phost, mi-thoilichte leis an ìre taic a fhuair iad bhon chòmhairle ‘s an sgoil.  Cha bhithinn ro toilichte idir ma chaidh mi a-steach a dreuchd, ‘s a’chompanaidh a’coimhead airson cuideigin eile airson m’obair bho thùs.

Tha fhios ‘am carson a bha am bòrd foghlam ag iarraidh fileantach airson a bhith ceannard na sgoile.  Bu chòir dhaibh a bhith fàbharachd ri fileantaich nuair a tha iad a’sireadh obraichean sa chànan, airson a bhrosnachadh.  Mur a h-eil fileantach ann airson an obair, ged ta, feumaidh am bòrd foghlam a toirt seachad an obair làn-uine do cuideigin a ‘s urrainn an obair a dhèanamh.  Ma tha iad ag ionnsachadh na Gàidhlig, tha sin iomchaidh dhòmhsa.  ‘S fheudar dhuinn a choimhead air cùisean mar a tha iad.  Cha bhith fileantaich gu leòr ann airson a h-uile obrach an cois ar cànan.  ‘S e rud math a th’ann nuair a tha sinn a’toirt a-steach luchd-ionnsachaidh ann am posta mar seo.  Tha e a’sealltainn gu bheil adhbhar ann airson a chànan ionnsachadh ‘s chan e club dùinte a th’annainn.  Tha sinn a’toirt a-steach eòlas dhan chànan air obair nach robh againn roimhe.  Airson an cànan a leasachadh, ‘s fheudar dhuinn a’coimhead nas fhaide air falbh na sinn fhèin.

Tha e neònach, ged ta, gun deach Mgr. Lyon, luchd-ionnsachaidh, a thaghadh airson am post làn-uine thairis air fileantaich, leis am bòrd seo.  Mar a thuirt mi, tha mi ag aontachadh gum bu chòir an duine as fheàrr airson an obair a bhith air an fhastadh, agus tha mi a’smaoineachadh gun do thaghadh am bòrd am fear ceart airson an obair; ach leis an oidhirp a rinn am bòrd foghlam airson fileantach fhaighinn roimhe, tha e e coltach gun do dh’atharraich iad na feartan a bha iad a’sireadh agus chan eil sin idir cothromach do an fheadhainn a tha air feuchainn airson an obair fad na tri bliadhna ‘on a bha ceannard làn-uine ann mu dheireadh.  Tha seo a’coimhead ceart cho dona ri bhith gun ceannard idir.

Tha mi an dòchas gum bidh Còmhairle na Gàidhealtachd a’sgriobhadh litir leisgeul do Annika Jannson, an ceannard ro Mgr. Lyon, a dh’fhàg an sgoil an deidh mìosan de gearain mu luchd-ionnsachaidh a bhith na ceannard.

‘S e an rud as cudromaiche a-nis don Bhun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir-Nis gum bidh stùireadh seasmhach ann, an àite an aimhreit a th’air a bhith ann.  Mar seo, ‘s urrainn dhan sgoil leasachadh ‘s ag amas nas dlùithe air cùisean foghlam, chan ann air am politigs a tha a’dol air adhart ann an oifis a’cheannard.

Tha mi an dòchas gun teid gu math le Mgr. Lyon ‘s am bun-sgoil, ‘s gum bidh an dà dhiubh soirbheachail ann a bhith a’sealltainn cho math ‘s a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.  Tha e cudromach do FMG air fad gum bidh.

Leave a Reply

Your e-mail address will not be published. Required fields are marked *