Na Fuadaichean: Air Dhiochuimhneachadh?

Anns an sgoil, gun diofar a bheil beachd math neo dona agad air, tha sinn uile ag ionnsachadh mu eachdraidh na dùthcha againn.  Tha e uabhasach cudromach fhios a bhith againn air na thachair do na sinnsearan againn ‘s carson a tha an dùthaich ‘s an t-saoghal mun cuairt oirnn mar a tha e.  Ach am measg eachdraidh na sgoile, ann an Alba air fad, tha aon cuspair mu làr barrachd na bu chòir dha.  ‘S e sin Na Fuadaichean – agus tha mi den bheachd gur iad an àm a bu mhiosa do daoine na h-Alba a bh’ann riamh agus bu chòir tòrr a barrachd eòlas a bhith  againn mu dheidhinn.

Mar Gàidhealach, tha beagan eòlas agam mu Na Fuadaichean, ach cha d’thainig ach beag dhe bho eachdraidh aig an sgoil.  Dh’ionnsaich sinn beagan mu dheidhinn Cogadh nan Seumasaich agus mar a chaidh don Phrionnsa Tearlach.  Bha e glè inntinneach a bhidh a’coimhead air Alba a bha làidir ‘s glè cudromach ann am Breatainn, ann an dòigh a dh’fhaodadh a bhith air coimhead mar rud math neo rud dona.  Ach an deidh ionnsachdadh gu domhainn mu Blàr Cul Lodair, ‘s dòcha an latha as miosa riamh ann an eachdraidh na Gaidhealtachd, chan eil ach beagan àm air an toirt don linn gu leth de phian a thàinig as an deidh.  Chan eil fhios aig a mhor-chuid de daoine de cho dona ‘s a bha cùisean sa Ghaidhealtachd aig an àm sin.  ‘S e masladh a th’ann nach eil ar sgoilearan ‘s ar sluaigh eòlach air an sgiorradh a thachair air ar tìr.

De bh’anns Na Fuadaichean, ma tha?  An deidh Blàr Chul Lodair bha feachdan an Riaghaltas airson gun cuireadh iad stad, mu dheireadh thall, do na Albannaich reubalach a bha airson gum biodh Stiubhartach na Rìgh Bhreatainn agus Alba na dùthaich fhein a-rithist.  Bha gach feart de beatha Gaidhealach fo amharas gun robh e a’brosnachadh an fhairachdainn seo.  Chaidh samhlaichean cultural cudromach mar tartan a càineadh.  Bha a’Ghàidhlig, agus a h-uile càil an cois leis, air an sgathachadh.

An atharrachadh a bu mhiosa airson a’Ghaidhealtachd, ged ta, ‘s e gun do chur Blàr Cul Lodair crìoch den siostam cinnidh a bh’anns a Ghàidhealtachd.  Ro àm na Seumasaich, bha fearann aig gach cinneadh agus bha e air an riaghladh leis an ceannard.  Cha robh feum aig na daoine màl a’phaigheadh airson an fhearann ‘s an taigh aca air – bha an aon rud a dh’iarr na ceannardan orra gun toireadh iad beagan den bharras aca dhaibh ma robh bliadhna math aca agus gun teid iad a shabaid nan iarradh iad orra.  Dh’atharraich seo uile an deidh Cul Lodair.  Bha na cinnidhean Seumasaich air an sealg airson na rinn iad an aghaidh an Riaghaltas, agus bha an fhearran aca air an glacadh airson na h-uachdaran.

Chan e dìreach na cinnidhean a bha an taca ris na Seumasaich a sgur, ged ta.  Nuair a chunnaic na ceannardan gun robh uachdaran eile mun chuairt orra a’fàs beartach a bhidh dh’fheumachdainn màl ‘o na daoine aca, bha iad airson gun dèanadh iad an aon rud.  Bha na ceannardan seo a-nis glè comfhurtail le dòigh-beatha na h-uachdaran mar a bha aig na daoine ann an Dun Eidinn neo fiu ‘s Lunnainn, agus bha an cinneadh aca deagh dòigh airson beagan a barrachd cliu ‘s ionmhas a dhèanamh dhaibh fhein.  Cha robh iad a’faireachdainn ciontach, ged a chuir iad stad ri linntean de dòigh-bheatha a dh’obraich ‘s a bha soirbheachail dhaibh.  Tha iadsan ceart cho ciontach ri na bàillidhean ‘s na h-uachdaran Gallda airson na thachair anns Na Fuadaichean.

Thoisich na uachdaran seo iarraidh air màl airson a’bhith a’fuireach ‘s ag obair na talmhainn aca agus cha robh an airgead aig na Gaidheal: cha robh riamh feum aca airson airgead agus cha robh doigh ann far am faigheadh iad e.  Cha robh gin aca measail air na taighean aca fhàgail, mar a bha feum aca mur an robh iad pàigheadh am màl. Cha robh càil a dh’fhios aca air mar a bha beatha a-mach as a Ghàidhealtachd aig an àm sin.  Cha robh sin gu diofar, ged ta.

Dh’fhàg feadhainn aig an tòiseach airson cost an ear, far an robh beagan talamh ‘s bailtean ann far am fuireachadh iad, agus dh’fhàg feadhainn airson na bàiltean mòra gu deas, far an robh factaraidhean a’toiseachadh ‘s feumail air moran luchd-obrach.

Ged nach robh an airgead aca, fuirich tòrr daoine air an fhearann aig na h-uachdaran a chionns nach robh dòigh neo cothrom aca fàgail.  ‘S iad na daoine a’fulang am brùidealachd ‘s donas a bh’aig na bàillidhean.  Nuair a bha am màl ro àrd airson na daoine a’phaigheadh, thaghadh na h-uachdaran na daoine a’fuadach bhon fhearainn ‘s a’toirt a-steach fèidh ‘s caoraich – a dhèanadh barrachd airgead dhaibh.  Fasdaich na h-uachdaran bàillidhean agus chaidh iad timcheall air an fhearann agus mill iad na tuineachaidhean a bh’ann.  Losg na bàillidhean taighean le daoine fhathast annta, truailleadh iad na boireannaich, murt iad na daoine a dh’fheuch stad a’cur orra.  Cha robh càil a b’urrainn do na daoine a dhèanamh.  ‘S e suidheachadh oillteach a bh’ann.  Dh’fhàg na daoine seo airson a chost ‘s na bàiltean mòra cuideachd ach cuideachd thòisich daoine a siubhal thall-thairis do Canada, Ameireaga ‘s Astràilia.  Thug iad cultar ‘s spiorad a’Ghaidhealtachd còmhla riutha.

Ann an 1831, an deidh deichead neo dha de daoine a bhith a’fàgail an sgìre, bha sluagh a’Ghaidhealtachd a-rèir an cunntas-sluaigh 200,955.  Bho sin, bha crìonadh dona ann agus ann an 1931 bha sluagh a’Ghaidhealtachd ach 127,081 – sios faisg air 40% ann an linn ged a dùblaich sluagh Alba gu lèir san aon àm.  Deich bliadhna air ais ann an 2004 bha sluagh a’Ghaidhealtachd ach 211,340.  Tha faisg air dà linn seachad  air Na Fuadaichean agus fhathast chan eil a’Ghaidhealtachd air faighinn thairis air am bualadh a fhuair an sluagh aice.  Tha daoine fhathast a’fàgail a’Ghaidhealtachd airson a’dol far a bheil obraichean – air sgath ‘s nach eil sluagh mòr gu leòr ann airson gnìomhachas a’cumail.  Chan eil gainnead ann de daoine glic neo daoine le spionnadh airson companaidhean a’dhèanamh – ach chan eil gu leòr daoine ann san fharsaingeachd.  Tha sin gu tùr air sgath gun deach àireamh mòr daoine a’fuadach.

Ged nach eil fiosrachadh glè mhath bho cunntasan-sluaigh anns an 19mh linn, tuit an aireamh às a chiad de luchd-bruidhinn na Gàidhlig san sluagh Alba bho 22.9% ann an 1800 gu 6.1% ann an 1881.  Bha fada a barrachd dochainn air a dhèanamh don cànan tron àm sin, ged ta, le Beurla a’fàs ri bhith an cànan as cumanta sa Ghaidhealtachd air sgath an eaconomaidh ùra a bha air an toirt a-steach fhad ‘s a bha na daoine a’fàgail.  Fhathast tha Gàidhlig a’fulang bho beachdan a tha a’magadh air a chànan – beachdan a chaidh a’sgaoileadh ann an Alba an deidh Chul Lodair chan ann a-mach a susbaint sam bith ach a chionns gun e an dòigh a b’fhasa airson a’Ghaidhealtachd a tarraing às a chèile.  Gun earbsa anns an cànan aca, carson a bhiodh earbsa aig na daoine anns an cùltar aca,  neo an sgìre aca?  Tha faireachdainn iochdaranach fhathast aig na Gaidheal agus a’Ghàidhlig agus thàinig sin uile bho laithean Na Fuadaichean.

‘S urrainn dhuinn eaconomaidh a’Ghaidhealtachd agus a’Ghàidhlig a’leudachadh agus a’meudachadh a-rithist ri bhith cho soirbheachail ‘s a bha iad roimhe.  Ma tha sinn airson sin a dhèanamh, ged ta, feumaidh fios a bhith againn carson a chaidh cùisean ceàrr.

Dh’atharraich Na Fuadaichean a’Ghaidhealtachd a chaoidh.  Bha cùltar, doigh-beatha ‘s tòrr daoine air am marbhadh leis na thachair.  Feumaidh fios a bhith aig na daoine anns an sgìre agus Alba air fad air na thachair air na mointichean ‘s ‘s na achaidhean a’Ghaidhealtachd anns an 19mh linn.  Feumaidh fios a bhith againn air na làithean as miosa anns an eachdraidh againn airson nach tachair iad a-rithist agus airson gun urrainn dhuinn ionnsachadh bhuaithe.

Leave a Reply

Your e-mail address will not be published. Required fields are marked *