Anns an linn seo, tha an eadar-lion aig cridhe do faisg air gach pàirt de bheatha a h-uile duine. ‘S e tobair fios ‘s eòlas a th’ann a tha nas doimhne ‘s nas farsainge na càil sam bidh a th’air a bhith ann riamh.
Ma tha Gàidhlig air an cleachdadh gu eifeachdach air an eadar-lion dh’fhaodadh sinn a’cuideachadh inbhe a chanain ‘s a’toirt cothrom nas fheàrr do mìltean daoine a’dol an sàs anns a chanan neo an cultair aice.
Aon duilgheadas a th’agam mar oileanach ‘s e bhith a’lorg leabhraichean ‘s tobraichean eile airson a’cleachadh nuair a tha mi a’rannsachadh cuspairean Gàidhealach – mar na fuadaichean neo bàrdachd. Gu fòrtanach tha leabhar-lann glè mhath agam faisg air laimh a tha a’deanamh a chùis, ach fhathast chan eil ach leabhar neo dha ri fhaighinn air na cuspairean sònraichte agus tric that iad anns an roinn “Trom Iarraidh” – agus mar sin chan eil ach latha agam airson an leabhar a’leughadh mus feum mi ga thoirt air ais. Chan eil e cho furasda do a h-uile duine a bhith a’siubhal do leabhar-lann cho mòr ‘s a th’aig Oilthigh Obair Dheathan, ged ta, agus tha sin a’fàgail cha mhòr a h-uile duine taobh a-muigh na h-oilthighean leis a Ghàidhlig ann an suidheachdadh doirbh ma tha iad airson ionnsachadh barrachd mun chànan. Chan e rud sìmplidh a th’ann a bhith a’rannsachadh cultair na Gàidhlig.
‘S urrainn dhan eadar-lion a bhith a’deiligeadh leis an duilgheadas seo gu ìre. Nan robh pròiseact foirmeil ann, mar a tha iad a’deànamh anns an Nirribhidh, far an cuir leabhar-lannan na leabhraichean Gàidhlig aca suas air an eadar-lion ann an cruth digiteach: bhiodh e fada nas fhasa airson stuth a’leughadh mu dheidhinn a chanan. Smaoinich air cho math ‘s a bhiodh e a bhith a’taidhpeadh a-steach ainm dàn air làrach-lin ‘s bhiodh e air do bheulaibh anns a bhad. Smaoinich cho math ‘s a bhiodh e a’cur a-steach rudeigin mar “na fuadaichean” ‘s biodh liosta de leabhraichean air do beulaibh le grunn fiosrachadh aca mu dheidhinn na fuadaichean. Bhiodh e cho math do a h-uile duine le ùigh anns a chanan agus cuireadh e a Ghàidhlig nas fhaide air adhart gu academaigeach na fiu ‘s Beurla. Chosgadh e mòran airgead, agus shaoileadh mi gun fheum na daoine a cleachdas an t-seirbheis a paigheadh air a shon gu ìre, ach bheireadh e obraichean do na daoine a theid an sàs sa phròiseact agus seirbheis air leth mhath don chànan.
Tha aitichean math air loidhne an-dràsd far am faod sibh fiosrachadh fhaighinn mu Gàidhlig. Tha liosta math de faclairean aig Sabhal Mòr Ostaig air an làrach-lin aca far am faigheadh tu eadar-theangaichean bho Dwelly’s, Stòr-Data ‘s m.s.a.a. Tha Tobar an Dualchais glè mhath airson òrain ‘s bàrdachd a’rannsachadh– le barrachd air 30,000 clàraichean bho daoine air feadh na h-Alba ann airson ag eisteachd ri. Tha Am Baile cuideachd stòras math airson fiosrachadh – a’coimhead nas dlùithe air a’Ghaidhealtachd le clàraichean ‘s piosan sgriobhte cuideachd. Tha duilleag neo dhà cuideachd aig a’BhBC a tha cuideachdail airson an canan a’rannsachadh – gu h-àraidh Làrach nam Bàrd, far am faigh sibh grunn bàrdachd ‘s fiosrachadh mun deidhinn. Chan eil iad cho furasda ‘s a bu toigh leam, ged ta, airson a’sheòladh – agus chan eil càil cho mòr ri leabhraichean ‘s nobhailean ann idir.
Leis a leithid ri Twitter, Facebook ‘s Reddit, tha coimhearsnachdan beag air fàs mun chuairt air a Ghàidhlig. Tha iad seo cho sgapte, ged ta, ‘s chan eil iad cho soirbheachail ‘s a dh’fhaodadh iad a bhith. Chan eil aon àite sònraichte ann idir far am faod luchd-labhairt na Gàidhlig a coinneachadh air loidhne. Bhiodh e math lion sòisealta ceart a bhith aig a Ghàidhlig far am biodh a h-uile càil ann anns a chanan. ‘S urrainn eadar-theangaichean a bhith ann airson luchd-ionnsachaidh ‘s feartan sònraichte dhan cànan a bhith ann – a leithid pios air an profile agad mu dheidhinn an ìre de Gàidhlig a th’agad neo cuin a thòisich tu Gàidhlig ionnsachadh/a’bruidhinn. Bheireadh seo àite do dhaoine an canan sgriobhte aca a’leasachadh ‘s bhiodh seo dòigh uabhasach math airson a’brosnachadh daoine ri bhith a’cleachadh an canan taobh a-muigh obair neo sgoile. Chan ann dìreach caitheamh ùine a bhiodh linntean sòisealta an uair sin!
Ged a bu chòir don Riaghaltas a’toirt an aon spèis don Ghàidhlig ‘s a tha iad do Bheurla, mar an òrdaich Achd na Gàidhlig 2005, chan eil seo air tachairt air loidhne. Chan eil an aon seirbheis ann air loidhne ma theid sibh don làraichean-linn Riaghaltas na h-Alba neo Còmhairle na Gàidhealtachd airson stuth a’leughadh ann an Gàidhlig. Eisimpleir math ‘s e am paipear-geal aig an Riaghltas mu dheidhinn neo-eisimileachd na h-Alba: le 670 duilleagan san leabhar Beurla ‘s 45 aig am PDF Gàidhlig. Cha d’fhuair na Gàidhlig ach geàrr-iomradh mar a fhuair 12 cànanan eile. Chan e spèis co-ionnan a tha sin. Tha fhathast fada ri dol aig an Riaghaltas airson na làraichean-linn Beurla ‘s Gàidhlig aca a’toirt gu ìre co-ionnan.
Mar a h-uile càil, tha na pròiseactan a tha mi a’moladh a’cosg airgead ‘s cuideachd ùine. Chan eil mi cìnnteach, ach tha mi cuideachd a’smaoineachadh gu bheil an àireamh daoine a dh’fhaodadh a leithid de làraichean-linn a’cuir air dòigh airson a Ghàidhlig caran ìosal. Tha mi an dòchas nuair a’ceumnaich mi a dh’aithghearr gun bith an ùine agam airson pròiseact neo dhà ceangailte ris a Ghàidhlig ‘s an eadar-lion a dheànamh. Tha an eadar-lion Gàidhlig mar tìr ùr gun tuineachadh an dràsda – ach dh’fhaodadh e a bhith mar coimhearsnachd ‘s baile mòr, farsaing ‘s trang ma thòisicheas sinn ga thogail.