Gàidhlig ann an Alba Neo-Eisimileach

Cha mhòr nach eil gach pàirt de beatha poblachd ‘s prìobhaideach Alba air a bhith fo sgrùdadh anns an deasbad mhòir a tha dol air adhart mu dheidhinn neo-eisimileachd do dh’Alba.  Gu cìnnteach ‘s e an eaconomaidh, ballrachd anns an t-Aonadh Eòrpach ‘s mar a bhitheas seirbheisean an riaghaltas air atharrachadh na cùisean as cudromaiche don mòr-sluaigh ach faodaidh na ceistean le buaidh nas lugha a bhith cudromach ann a bhith atharrachadh inntinn cuideigin a tha anns a mheadhan a thaobh a dheasbad.  ‘S e inbhe Gàidhlig aon de na ceistean mar sin a bha mi nam beachd a bhiodh cudromach dhomh anns an taghadh eadar ag radh Bu Chòir neo Cha Bu Chòir san reifreinn.  Ach, gu mi-fhòrtanach, chan eil an ceist air a bhith air am freagairt gu dòigheil le taobh seach taobh.

Dhan mhòr-chuid den sluagh, chan eil e gu diofar de thachras do Gàidhlig as deidh an reifreinn.  Tha cruaidh fios ‘am nach eil luchd-labhairt a chanan a’deanamh an àrd ach 1% den sluagh agus chan e targaid a th’unnainn do na iomairtean anns an deasbad an reifrinn.

Tha mi a’smaoineachadh gum biodh Gàidhlig na phàirt na bu mhotha san deasbad mu neo-eisimileachd, ged ta, nan robh barrachd mi-chìnnt ann mar a bhiodh an sluagh Gàidhealach a’bhòtadh.  Gun teagamh tha mi a’smaoineachadh gum bi seachad air 75% de luchd-labhairt na Gàidhlig a taghadh neo-eisimileachd anns an reifrinn san t-Sultain, leis na tha mi air faireachdainn ‘s cluinntinn san coimhearsnachd.  Chan e taghadh a tha a’boinntinn ris a Ghàidhlig a tha seo, ach gu bheil daoine le Gàidhlig, gu h-àraidh sa Ghàidhealteachd ‘s na h-Eileanan, mar pàirt de sluagh Albannach nas motha a tha an aghaidh na poileasaidhean Tòraidh ‘s na beachdan na partaidhean air taobh deas politaigs a tha cho làidir ann an Sasainn ach cho lag ann an Alba.  ‘S e beachd-smuainelas an luchd-labhairt a tha ag adhbharachadh an taic ri neo-eisimileachd, chan ann staid a chànan fhein.

Ged ‘s e sluagh beag ‘s taobhach a th’unnainn, ged ta, bha mi an dùil gum biodh barrachd ann mun Ghàidhlig san deasbad.  ‘S e an aon facal air a chanan air a bheil cuideam sam bidh a’tighinn anns an “Scotland’s Future”, leis an geàrr-chunntas dheth air an eadar-theangachadh gu Gàidhlig agus cuideachd anns an teacsa fhein far a bheil an Riaghaltas ag radh gun cumadh iad an àrd an taic aca do Gàidhlig.  Chan eil càil ann ag radh gum biodh Beurla, Gàidhlig ‘s Albais co-ionnan gu oifigail – dìreach gum biodh an “urram co-ionnan” a th’ann an-dràsda ann.  ‘S e Gàidhlig aon de tòrr ceistean san paipear geal a chaidh am freagairt le teachdaireachd sìmplidh nach atharrachadh mòran, feart a chaidh an càineadh le Better Together.  Bha mi airson gum biodh beagan a barrachd bhon paipear geal air inbhe na Gàidhlig, ach ‘s urrainn do sin atharrachadh ma gheibh Alba neo-eisimileachd.  Cha do lorg mi fiosrachadh sam bidh mu dheidhinn staid na Gàidhlig san Rioghachd Aonaichte nan taghas Alba a’fuireachd san aonadh anns an t-Sultain.  A-rithist, ‘s e sluagh beag a tha luchd-labhairt na Gàidhlig, ach bha mi an dòchas gun biodh facal mur deidhinn am baideigin, ach chan eil.

Chan eil fhios ‘am idir am bi Gàidhlig nas fheàrr dheth ann an Alba neo-eisimileachd.  Tha Riaghltas na h-Alba air tòrr adhartas a dheànamh don chanan ‘on a chaidh a chruthachadh ann an 1999, le Achd na Gàidhlig 2005 ‘s dòcha am pios reachdaireachd as cudromaiche do Ghàidhlig riamh agus barrachd tasgadh ann am foghlam tro meadhan na Gàidhlig ri tighinn, thathar an dùil.

‘S e an ceist a th’agam a bheil reachdaireachd mar seo air tighinn an àrd air sgath gun e mar pàirt den Rioghachd Aonaichte a tha sinn neo gun diofar air?  A bheil sinn, ‘s na luchd-politigs cuideachd, nas buailteach ar dualchas a’cuideachadh a chionns gu bheil sinn an dùthaich beag san rioghachd mòr neo am biodh amas nas dlùithe againn air ar dualchas nan robh sinn nar dùthaich fhein?  Gu cìnnteach tha am Parlamaid againn an dràsda cumhachdach gu leòr airson Gàidhlig a’brosnachadh cho fada ‘s a dh’fheumadh i, chan fheum sinn neo-eisimileachd airson Gàidhlig a’fas a-rithist.  Mar a h-uile càil eile, ged ta, biodh neo-eisimileachd a’toirt cumhachd air poileasaidhean Alba air fad don sluagh Albannach – agus feumaidh gun e rud math a tha sin do mhionchuidean mar luchd-labhairt Gàidhlig, gum biodh barrachd cumhachd ‘s guth nas fuaimneach againn.

Chan eil freagairt agam air seo, ach tha mi den beachd nach bidh neo-eisimileachd neo an t-aonadh dona do Gàidhlig.  Chan eil fianais ann airson ag radh gum bidh Gàidhlig a’faighinn taic a’barrachd mar pàirt den Rioghachd Aonaichte neo Alba neo-eisimileach.  Ged a bhiodh atharrachadh mòr ann am pàirtean eile de riaghaltas ‘s beatha na h-Alba ma tha neo-eisimileachd ann, cha bhi Gàidhlig ag atharrachadh gu mòr.  ‘S chan ann tric an-diugh gu bheil Gàidhlig a’feitheamh far a bheil e.

Chan eil mi gu tur cìnnteach fhathast, ach tha mi a’dol gu taobh Bu Chòir air an reifrinn.  Ach nan tigeadh aon de na iomairtean a-mach ‘s gealladh iad taic mòr don Gàidhlig airson bhòt, dheanadh sin m’inntinn an àrd gu stolda.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *