Fileanta neo Native?

‘S e aon de na rudan air nach b’ urrainn dhut teicheadh mar luchd-labhairt na Gàidhlig do fileantachd sa chànan.  Gu cìnnteach tha an aon rud anns sa Bheurla –  tha sibh a’ smaoineachadh diofar rudan de daoine le diofar comasan sa chanan – ach le cànan le an uiread de luchd-ionnsachaidh ‘s a th’aig a Ghàidhlig, agus am pàirt mòr a tha iad a’ gabhail ann a bhith ag ath-bheothachadh a chànan, tha e gu math follaiseach ann an coimhearsnachdan Gàidhlig.

Ged a tha diofar ìrean de Gàidhlig air an cleachdadh ann am foghlam, poileasaidh, planadh ‘s na h-ealainean – chan eil idir aonta air na tha na h-ìrean seo a’ ciallachadh neo de feartan a tha gad dheànamh luchd-labhairt aig ìre sònraichte.  Agus tha seo air fàgail an ceist agam, ‘s aig tòrr daoine eile tha mi cìnnteach, gu pearsanta: an e luchd-labhairt fileanta neo native a th’ unnam?

A chionns gu bheil na dòighean anns a bheil daoine ag ionnsachadh a chanan ‘s na h-ìrean a bheil iad ag ionnsachadh ri cho diofraichte chan eil e doirbh tuigsinn carson a tha an duilgheadas seo ann.

Tha sgaradh ann eadar daoine a th’air an cànan ionnsachadh aig an dachaigh, gu h-araidh airson seann daoine, agus an fheadhainn a th’air a dhol tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.  Tric tha an Gàidhlig labhairteach aig na daoine a dh’ionnsaich aig an dachaigh nas fìleanta, ach tha e beagan nas neo-chruinne ‘s tha na luchd-ionnsachaidh nas fheàrr air sgrìobhadh ‘s bruidhinn Gàidhlig “glan” a chionns gu bheil iad air a ionnsachadh ann an doigh le barrachd òrdugh ‘s structur.  Ach chan eil an aon misneachd aig luchd-ionnsachaidh sa sgilean còmhraidh aca.

Chan tèid mòran cho fhada ri bhith ag radh gu bheil Gàidhlig na “natives” ceàrr, ach leis an uiread de “code-switching” (a’cleachdadh faclan Beurla gu nàdarra ann an còmhradh) a th’ aca an taca ri luchd-ionnsachaidh, tha e nas duilghe a bhith cìnnteach de bhuidheann aig a bheil an Gàidhlig “as fheàrr” ‘s as fìleanta.  Cha chanainn gun robh mo Ghàidhlig glan idir, agus chan eil mi buileach ceart cho fileanta sa Ghàidhlig ‘s a tha mi ‘s a Bheurla – ach air an laimh eile chan eil idir dragh orm a bhith a còmhradh sa Ghàidhlig neo bhith sgriobhadh ann nas motha.  Air an cuspair seo, tha mi anns a mheadhan den dha “champa” mar gum biodh.

Beachd eile ‘s e gu bheil foghlam tro mheadhan na Ghàidhlig air a dheànamh ginealach de luchd-labhairt a chanan a th’ air a chànan a bhruidhinn cha mhòr fad na bheathannan ach ‘s dòcha nach eil air a chleachdadh idir taobh a-muigh na sgoile.  Thoisich mi fhèin, ‘s tha mi cìnnteach ceudan de sgoilearean eile air feadh na dùthcha, Gàidhlig a bhruidhinn aig an sgoil-àraich – agus tha mi a-nis air a bhruidhinn aig an sgoil neo aig an oilthigh airson cha mhòr ochd bliadhna deug.  Ach air sgath ‘s nach do cleachd mi a chanan gu cunubhalach taobh a-muigh na sgoile, le ach beagan Gàidhlig aig mo mhàthair, chan eil mi smaoineachadh dhiom fhèin mar “native” den chànan – ged a tha mi air an seòrsachadh mar sin aig an oilthigh.  A-rithist tha mi eadar an dà thaobh, agus chan eil mi faireachdainn mar gu bheil ìre sònraichte agam.

Ma tha sinn airson a’ coimhead gu acadaimeagach air a chuspair, a-rithist chan eil idir an aonta ann.  Ann an cànanachas, tha againn na dà seorsaichean cànan ionnsachadh – L1, “native” ‘s L2, ionnsachadh mar dara chànan.  Tha seo a’ coimhead soilleir – ach chan eil e fhathast buileach a’ glacadh a h-uile luchd-labhairt ann.  Aon dòigh eile, a chaidh a’ cleachdadh ann an rannsachadh aig Marsaili NicLeòid “The Meaning of Work in the Gaelic Labour Market” ann an 2008 ‘s e na seòrsaichean – native, semi-native, cultural inheritors ‘s cultural migrants.  A-rithist ‘s e doigh math a tha seo airson seòrsachadh mar a thàinig daoine dhan a chànan, ach tha e caran neo-shoilleir air an ìre aig a bheil cànan daoine.

‘S dòcha nach eil dòigh furasda a bhith a seòrsachadh luchd-labhairt na Gàidhlig, a chionns gun e coimhearsnachd domhainn ‘s diofraichte a th’ unnainn ach airson a bhith ag amas air poileasaidhean a cur an cois an aireamh luchd-labhairt àrdachadh agus airson prògramannan cur air doigh airson Gàidhlig a dheànamh nas beòthaile feumaidh beachd nas fheàrr a bhith againn air na buidhnean a th’ againn sa Ghàidhlig agus de tha iad a dhith airson leasachadh.

Chan eil idir fhreagairt goirid agam dhan ceist an e “native” den Ghàidhlig a th’ unnam.  Ach canaidh mi seo: ‘g e be de chanas mi ri mo chuid Ghàidhlig, canadh cuideigin eile ruideigin diofraichte.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *