Feumaidh Naidheachdas Atharrachadh

‘S e an cosnadh a tha mi an dòchas a-dol an sàs ann nuair a tha mi air an oilthigh fhagail a bhith nam luchd-naidheachd.  ‘S e obair a chòrdadh rium gu mòr ‘s a barrachd air a sin tha mi a’smaoineachadh gum bidh mi math air.  Ach ‘s e gnìomhachas caran seann-fhasanta a th’ann ann an saoghal a tha coltach gu bheil e tionndadh aig astar nas luaithe ‘s nas luaithe.  Ged a tha mi dearbhte gu leòr gum bidh naidheachdas gnìomh maireannach, feumaidh e atharrachadh airson a bhith cho cuideachail don phobaill.

Chan eil teagamh sam bidh ann gu bheil pàipearan-naidheachd air an rathad a-mach.  Chan eil iad a’reic faisg air na bha iad fiu ‘s fichead bliadhna air ais.  Tha an eadar-lion air naidheachd a’deanamh nas fhasa fhaighinn ‘s nas fhasa a bhidh a gabhail pàirt ann.  Roimhe bhiodh comhradh còmhla ri daoine timcheall ort an aon doigh a bhith “a’cleachdadh” na naidheachdan ach a-nis ‘s urrainn dhut do bharail a’cur air loidhne mu dheidhinn naidheachd sam bidh ‘s deasbad a bhith agad le daoine bho air feadh an t-saoghail.  Tha seo fada nas inntinniche agus a’toirt fada a bharrachd doimhneachd don tlachd a th’aig daoine airson na naidheachdan fhaighinn.  Chan urrainn do pàipearan-naidheachd càil a dhèanamh airson a’toirt buille air a’bhuille ‘s làmh an uachdar fhaighinn air ais.  Chan eil cuid coma de na beachdan aig daoine àbhaisteach nuair a tha iad air fhoillseachadh anns na pàipearan, chan eil dòigh ann na adhbharan air cùlaibh na beachdan aca ceasnachadh. Chan eil an ceangal daonna ann idir. ‘S e seo am feart as cumhachdaiche ann an soirbheas naidheachd air loidhne.

Tha àite fhathast ann airson na companaidhean air cùlaibh na pàipearan-naidheachd, ged nach eil spèis aig daoine airson na pàipearean iad fhein, ach ‘s fheudar dhaibh na seòrsa sgeulachdan a tha iad a’foillseachadh atharrachadh ann an dòigh.  ‘S urrainn daoine ainmeil na naidheachdan aca fhein a’sgaoileadh le Twitter ‘s na làraichean-linn aca fhein a-nis agus chan eil an fheum ann airson na tabloids ach airson na sgeulachdan seo a’cruinneachadh còmhla.  Chan fheum daoine a’fulang an treallach a th’anns na prìomh duilleagan aig na pàipearan-naidheachd mu na trioblaidean aig seinneidearan ‘s cleasaichean airson a’leughadh mu dheidhinn na tha ùigh aca ann a-nis.  Chan eil an aon cumhachd aig pàipearan-naidheachd a thaghadh na sgeulachdan a tha iad ag iarraidh innse don phobaill.  Faigh am pobaill na sgeulachdan aig a bheil ùigh aca ann co-dhiù.  ‘S e atharrachadh glè cudromach a tha seo.

Gu cìnnteach cha d’ chuidich an tàmailt aig an News of the World bliadhna neo dha air ais timcheall air briseadh a-steach do fònaichean daoine ainmeil an argamaid airson pàipearan-naidheachd.  Chan e ach an sgeulachd as ùra a bh’ann de luchd-naidheachd aig na pàipearan-naidheachd a’dol taobh a-muigh an àrainneachd moralta a bu chòir dhaibh fuireach ann.  ‘S e an rud a bha diofraichte an turas seo gun robh roghainn aig am pobaill – chan fheum iad na pàipearan-naidheachd a’ceannach airson na naidheachdan aca fhaighinn mur an robh iad ag aontachadh riubha.  Tha roghainn cho farsaing aig daoine airson far am faigheadh iad an dearbh seòrsa naidheachdan air a bheil iarraidh aca nach eil an leudachd cho cumhang aig na pàipearan-naidheachd a-nis math gu leòr do cuid.

Tha gluasad air a bhith ann, cuideachd, den seòrsa aois aig daoine a bhios a’leughadh naidheachdan air loidhne.  Chan ann dìreach na daoine òg a th’ann air an eadar-lion a-nis, le barrachd seann daoine ag ionnsachadh mar a dh’fhaod iad an eadar-lion a’cleachdadh airson dha cuideachadh fhein na naidheachdan a’lorg.  ‘S dòcha deich bliadhna air ais gun robh an eadar-lion doirbh airson a mhòr-chuid de seann daoine fhaighinn ‘s a’cleachdadh ach a-nis tha e nas fhasa compiutair a’ceannach ‘s a’cleachdadh na dòl a-steach dhan bhaile airson pàipear-naidheachd fhaighinn gach latha.  Tha fiu ‘s mo sheanair, aig ochdad bliadhna a dh’aois, a’faighinn na naidheachdan aige air loidhne.  Chan eil e annasach idir a-nis gu bheil daoine a dhiùltadh na naidheachdan air an T. Bh., reidio ‘s na pàipearean airson na naidheachdan air làraichean-linn.

Tha feadhainn de na companaidhean craolaidh ‘s pàipearan-naidheachd air làraichean-linn math air cruthachadh, ged ta.  Mar a thuirt mi roimhe, ‘s e làrach naidheachd a’BhBC ‘s dòcha aon de na seirbhisean as fheàrr ‘s as cudromaiche aige san latha an-diugh – agus tha inbhe glè àrd aige air feadh an t-saoghal air a shon.  ‘S toigh leam làrach a’Ghuardian a chionns gu bheil iad a’cur an àrd sgeulachdan fada, le barrachd doimhneachd na b’urrainn dhaibh le srian air an aireamh faclan a dh’fhaodadh iad foillseachadh ann am pàipear.  Tha iad cuideachd math air sgeulachdan connspaideach ‘s deasbadan a’cur an àrd far a dh’fhaod daoine tighinn ‘s a bharail aca fhein a’toirt seachad.  Tha iad a’measgachadh an dà roinn den gnìomh aca gu drùidhteach.  Ged nach eil mi moiteil àiteachadh, uaireannan tha The Sun a’dèanamh obair math air an làrach-linn aca, cuideachd, le bhideothan den sgrùdaidhean fo-chòmhdach aca a tha nas fheàrr a bhith a’coimhead na bhith leughadh mu dheidhinn.  ‘S e deagh eisimpleirean a th’anns na làraichean-linn seo de companaidhean a th’air a’dèanamh planaichean stòlda ‘s soirbheachail airson a bhith aig beulaibh naidheachdas fhathast nuair a tha na meadhanan tradiseanta aca air dhiochuimhneachadh gu tur.

Chan eil na pàipearan-naidheachd air fad cho soirbheachail leis na ionnsaidhean aca dhan raon digiteach, gu h-àraidh a-thaobh airgead a dhèanamh às.  Tha an leithid den Times, The Herald agus cuideachd The Sun air “balla” a’cuir an àrd far am feumadh tu paigheadh airson na naidheachdan aca a’leughadh.  Chan eil fianais ann fhathast gu bheil seo a’dèanamh fada a barrachd airgead dhaibh thairis air sanasachd àbhaisteach a’lorgadh tu air làrach-linn sam bidh eile.  Tha iad gu cìnnteach air leughadairean air chall gu làraichean eile far am faigheadh tu na h-aon naidheachdan saor an asgaidh.  Tha mi a’faicinn carson a tha companaidhean ag iarraidh gum bidh daoine a’paigheadh gu dìreach airson na sgeulachdan aca, ach tha mi a’smaoineachadh gu bheil seo a’tighinn à dòigh-smaoineachaidh seann-fhasanta.  Tha làraichean-linn nas saoire a’cumail a’dol na pàipear agus fada fada nas luaithe airson naidheachdan a’sgaoileadh.  Ma gheibheadh na companaidhean seo cuidhteas den pàipearan ann an cruth fisiceach aca dhèanadh iad barrachd airgead.  Ged a bhiodh tradisean a th’air a bhidh ann o chionn linntean air chall, bidh an aon gnìomh air a dhèanamh nas èifeachdaiche – agus ‘s e sin a tha cudromach aig deireadh an latha.

Cha teid naidheachdas air falamh idir fhad ‘s a tha daoine a’tighinn còmhla anns an dòigh ‘s a tha iad an-dràsd.  Tha cus ùigh againn air na daoine ‘s na tachartasan mun cuairt oirnn airson sin.  Ach mur a bhidh naidheachdas atharrachadh bho na dòighean seann fhasanta aige, dèan daoine gnìomh naidheachdas eile dhaibh fhein agus bidh na companaidhean, daoine ‘s dualchas a bh’ann air am fàgail airson lobhadh mar pàipear san t-uisg’.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *