Crìonadh Culturail

Dimàirt seo chaidh, dh’fhoillsich am BBC pìos naidheachd ag radh gum bidh an iris Gàidhlig mu dheireadh, Cothrom, a sgur a dh’aithghearr air sgath dìth airgead.  ‘S e suidheachadh duilich a tha seo, leis an adhartas a tha air a bhith ann leis a chànan anns an fharsaingeachd.  Tha e mar pàirt de crìonadh culturail anns a Ghàidhlig, ‘s anns an dùthaich gu lèir, gum bith ar cànan air fagail gun fhoillseachadh slàn cunbhalach sam bith.

Bidh Cothrom a’dol dhan dorchadas còmhla ri irisean ainmeil eile anns a Ghàidhlig; a leithid Gairm ‘s Gath.  Nuair a bha mi san sgoil, bha sinn daonnan a leughadh sgeulachdan ‘s pìosan eile bho na irisean seo mar pàirt den leabhraichean-teacsa againn.  Bha deagh inbhe annta, ‘s bha iad mar pàirt cudromach den fhoghlam againn.  Leugh mi tro iris neo dha de Ghàirm fhad ‘s a bha mi san àrd sgoil.  Chòrd e rium gu mòr a bhith a leughadh pìosan sgrìobhaidh eadar-dhealaichte sa chànan agam, ged a bha iad caran sean aig an àm.

Tha e cudromach irisean a bhith aig cànan airson tobair a bhith ann do luchd-labhairt na chànan airson a bhrosnachadh ùigh ‘s saoilsinneachd.  Tha seo sònraichte fìor airson luchd-ionnsachaidh.  Mur a h-eil càil ann ri leughadh ann an cànan, carson a dh’ionnsaich cuideigin an sgìl ud?  Carson, a-rèisd, a dh’ionnsaich iad a chànan?

‘S e cosgais a tha a’cuir bacadh air leasachadh Gàidhlig sgrìobhte.  A-rèir coltas, ‘s e cion airgead a tha aig bonn trioblaidean aig Cothrom.  Tha an iris air foillseachadh le Clì Gàidhlig, Comman nan Luchd-Ionnsachaidh, a tha a’faighinn taic airgead bho Bòrd na Gàidhlig, a tha air am maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.  Tha fhios ‘am gun e àm duilich gu eaconomaigeach a th’ann, gu h-àraidh airson Riaghltas na h-Alba leis na gearraidheadhan a th’air a bhith ann sam buidsead aca bho Riaghaltas Westminster, ach nach eil e foilleasach gum bu chòir beagan a barrachd den airgead a th’air an cosg air a chànan againn a shàbhaladh a’dol dhan facal sgrìobhte againn?  Tha foghlam glè mhath mar amas aig Bòrd na Gàidhlig ‘s aig an Riaghaltas, ach mar  a thuirt mi, mur a h-eil càil ann ri leughadh, chan eil adhbhar cho sònraichte ann airson a dh’ionnsachadh idir.

Anns an aon pìos naidheachd a thuirt am BBC gun robh Cothrom a sgur, thuirt Riaghltas na Rìoghachd Aonaichte gum bith maoineachadh aig BBC Alba sàbhailte bhon gearraidhean mòr aig Ionmhasair George Osborne.  ‘S mar sin, bith £1m gach bliadhna a’dol bho Riaghltas na Rìoghachd Aonaichte do MG Alba, le barrachd a’dol dhaibh tro am BBC ‘s Riaghltas na h-Alba.  Tha BBC Alba air a bhith air leth soirbheachail, agus tha mi an dòchas gun chum e a’dol air an rathad air a bheil e, ach tha e doirbh faicinn an leithid de dh’airgead a’dol a-steach ann an craoladh nuair a tha irisean mar Cothrom a’dol dhan bhàs.  Ma bheireadh MG Alba fiu ‘s £20 mìle do Clì Gàidhlig airson an iris foillseachadh ceithir turas sam bliadhna, shaoileadh mi gum biodh e fhathast a’dol.  Tha e doirbh a’tuigsinn dhòmhsa.

Bhiodh e math fhaicinn iris ùr a’toiseachadh a dh’aithghearr airson a Ghàidhlig air fad; gun ceangal ri eagrachadh, neo oilthigh neo càil ach am buidheann a dh’fhoillsicheas an iris.  ‘S urrainn luchd-labhairt a chànan bho air feadh Alba ‘s an t-saoghal, aig ìrean diofraichte de fhileantachd, a chur airtigilean, sgeulachdan ‘s a leithid a-steach ‘s theid a dh’fhoillseachadh ‘s a’sgaoileadh air feadh saoghal na Gàidhlig.  Bhiodh e nas fheàrr na iris Gàidhlig riamh, ‘s deagh eisimpleir den spiorad a th’aig luchd-labhairt na Gàidhlig.  ‘S docha gum brosnaich e irisean ùr cuideachd.  ‘S e bruadair a th’ann an seo, ‘s dòcha, a chionns gun toir e mòran airgead ‘s spàirn bho daoine trang airson a chuir an cois – ach bhiodh e uabhasach math nach biodh?

Feumaidh mi aideachadh nach do leugh mi Cothrom idir mus d’chuala mi gun robh e dol a sgur.  Shaoilinn gun e samhla math den cion margaideachd a bha irisean Gàidhlig a faighinn fhad ‘s a bha iad beò.  Tha mi an dòchas gun tig ùigh as ùr ann an irisean Gàidhlig a-nis fhad ‘s tha iad marbh.  ‘S mar an cànan fhein, tha mi an dòchas gun tig irisean Gàidhlig ùr a-mach mar ainneamhag às an luaithre.  Feumaidh Cothrom a bhith ann do dhaoine leis a Ghàidhlig an cànan aca a leughadh.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *