Co tha riaghladh faclan?

Tha faclan ‘s cànan dà rudan a tha gu dearbh cudromach dhuinn mar daoine ‘s mar coimhearsnachdan airson na faireachdainnean, smuaintean ‘s beachdan againn a’toirt seachad agus tha e neònach a bhith a’smaoineachadh gu bheil ruideigin cho bunaiteach dhuinn feart daonna.  Ma feartan daonna  eile, feumaidh ar cànanan a bhith air stùireadh ‘s air riaghladh, agus biodh tu air iognadh air an leithid de na tha sinn a’sgriobhadh ‘s a’bruidhinn a th’air a bhith atharrachadh le riaghailtean ‘s àrd-reachdas.

Ann an Gàidhlig tha GOC againn, na Gaelic Orthographic Conventions, a tha a’feuchainn ri bhith a’toirt dualchainntean còmhla ann an stoidhle sgrìobhaidh a b’urrainn dhuinn uile a thuigsinn ‘s a’cleachdadh a bharrachd air dèanamh cìnnteach gu bheil am modh sgrìobhaidh a chànain fhathast ùr.  ‘S dòcha an atharrachadh as motha a rinn GOC air ar sgrìobhaidh ‘s e bhith ag atharrachadh na ‘d’s cruaidh gu ‘t’s ann am faclan, airson na gluasadan beòil againn ann am faclan nas cruaidhe mar furasta a shealltainn.  Chaidh GOC fhoillseachadh leis an SQA (Scottish Qualifications Authority) aig nach eil mòran dlìgheas air a chànan ach a-mhàin airson teisteanasan àrd-sgoil.  ‘S e eisimpleir fìor mhath a tha seo den seòrsa dìth-siostam a th’aig riagladh na Gàidhlig aig ìre cànanach.

Crìochnaich DASG, Dachaigh airson Storas na Gaidhlig, a chiad pàirt den obair aige an seachdainn-sa le bhith cuir air bòg stòr-data a’gabhail a-steach 10 millean faclan.  Tha coig oilthighean am bog sa phròiseact (Dun Eidinn, Glaschu,Obair Dheathain, OGE ‘s Strath Chluaidh) agus tha e a’coimhead gu daigheann air a bhith cuir seann teagsaichean ann an cruth digiteach ‘s a’faighinn am briatharachas às.  ‘S e an rud a bu cudromaiche a thigeas às am pròiseact Faclair na Gàidhlig, a bhitheas am faclair Gàidhlig deimhinnte airson faclan cumanta agus seann fhaclan.  An-dràsd feumaidh tu dol eadar faclairean a leithid Dwelly’s neo MacLennan’s neo Watson’s neo ‘n Stòr Data airson faclan fhaighinn agus tha sin a’toirt ùine mhòr, agus ‘s e masladh a th’ann nach eil aon tobair, fiu ‘s air loidhne, airson faclan Gàidhlig.

Bu chòir aon de na dleasdanasan aig Bòrd na Gàidhlig, mar na reachdairean a chànain, a bhith a’dèanamh cìnnteach gu bheil a ghramair ‘s na faclan aig Gàidhlig cho ùr-nòsach ri na planaichean a th’aca airson leasachadh mar a tha sinn a’cleachadh na rudan seo.  Feumaidh iadsan a bhith an fheadhainn leis an dleasdanas airson a’dhèanamh cho furasta ‘sa ghabhas do luchd-ionnsachaidh a chanan na faclan ceart a’lorg.  Chan eil e math gu leòr an cumhachd seo a’toirt sios do na h-oilthighean, chan eil an smachd ‘s buaidh aca ‘s a th’aig a’Bhòrd.

Tha e doirbh cumail suas ri stuth ùr-nòsach ach tha e cudromach nam beachd ‘s a gu bheil Gàidhlig a’dèanamh a dhìcheall faclan ùra a’dhèanamh a tha co-ionnan air feadh a chanan airson gu bheil tuigse aig a h-uile duine orra ‘s chan eil feum aca a’dol air ais do Bheurla a chionns gu bheil e nas fhasa.  ‘S dòcha gum bidh e doirbh tighinn do co-dhùnaidhean luath air a bhith eadar-theangachadh faclan ùra, agus feumaidh eòlaichean ‘s daoine abhaisteach a bhith an sàs ann a bhith a cruthachadh na faclan seo, ach tha mi a’smaoineachadh gun e rud glè mhath a bhiodh seo airson beothalachd a chanain agus gum biodh dòigh math ann airson a dhèanamh faclan nas minìche fiù na Beurla airson gum biodh tuigse na b’fheàrr aig daoine orra.  ‘S e eisimpleir caran ùr a th’ann am Faclair na Pàrlamaid de liosta de faclan a tha gu math fhein feumail sa chanain airson a’toirt dhuinn briathrachas airson còmhradh mu politigs.  Tha liosta mòr eile aig Sabhal Mòr Ostaig de storasan coltach ris, ach chan eil an làrach-linn aige gu math cuideachail neo furasta sheòladh.  Tha iad seo cudromach do na feadhainn againn a tha ag iarraidh Gàidhlig a’cleachdadh ann an dòighean sònraichte agus a bhith a’cumail air falbh bhon mi-mhodh a th’ann a bhith a’cleachadh Beurla, mi-mhodh nach eil moran ciontas againn dhe nuair nach eil taghadh againn.

Airson cànan a th’ann an cruaidh fheum a bhith cho soilleir ‘s furasda tuigsinn do luchd-ionnsachaidh ùra sa ghabhas, chan eil Gàidhlig ga cuideachadh fhein leis am mì-eagrachadh a th’aige a thaobh briathrachas ‘s gramar.  Airson cumail suas ris na tha a’tachairt feumaidh Bòrd na Gàidhlig a’toirt air an dleasdanas mar reachdairean a’chanain ‘s a toirt storasan dhuinn airson a’cleachdadh.  Ma tha sinn a leigeil seachad ar dreuchd air seo, cha chuidicheas leasachadh an aireamh luchd-labhairt sinn idir.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *