Bho Fìrinn gu Ficsean

Tha cha mhòr a h-uile duine aig a bheil eòlas orm an-dràsda a’coimhead air Game of Thrones, an prògram T. Bh. air an steidhichte air cogadh siobhalta ann an dùthaich ficseanail Westeros, dùthaich caran coltach ri Breatainn ‘s na meadhan aoisean.  ‘S e prògram anabarrach math a th’ann, ged a tha e beagan slaodach dhomh aig amannan, agus tha aon de na rudan as tarraingeach mu dheidhinn an prògram ‘s e cho domhainn ‘s a tha an sgeulachd air culaibh na tha a’tachairt.  Tha sgeulachdan air innse mu dheidhinn righrean bho chionn mile bliadhna ‘s cogaidhean linnteann air falbh.  Tha na rudan beaga mar seo a’tarraing an luchd-coimhead a-steach gu dluithe agus a’cruthachadh saoghail nas creidsinne.

Nuair a bha mi a’leughadh mun prògram, ionnsaich mi rudeigin inntinneach mu dheidhinn mar a tha chaidh na blasan-cainnte aig na diofar cinnidhean air an dèanamh.  Tha na blasan-cainnte aig na daoine bho mor-thir Westeros mar an shaoileadh tu ann feadh Sasainn. Tha na Starks bho thuath a’bruidhinn le blasan-cainnte mar a faigheadh tu ann an taobh tuath Sasainn, agus na Lannisters bho dheas a’bruidhinn le blas-cainnte nas coltaiche ri na daoine uaisle bho deas.  Tha daoine bho mor-thirean eile a’bruidhinn le blas-cainnte cein, mar Oberyn Martell a tha a’bruidhinn le blas-cainnte Fhraingeach. Cha do mhothaich mi seo gu nàdarrach, ach nuair a smaoinich mi air ‘s e alt glè sgileil a bh’ann a chionns gu bheil sibh a’cruthachadh beachd air na caractaran seo a-mach às do faireachdainnean airson na daoine bhon sgìre sin de Breatainn fhein.  Cha bhith na Ameireaganaich ceart cho mothachail air seo nuair a tha iadsan ga choimhead ach shaoileadh mi gu bheil e ann an smuaintean gach Breatainneach, ged a tha e failneasach.

‘S dòcha an eisimpleir as inntinniche de cleachdadh cànan, ged ta, ‘s e an treubh Dothraki – fo stùireadh Daenerys Targaryen – a tha a’bruidhinn le cànan aca fhein, chan ann dìreach blas-cainnte.  Thug na neach-dèanaidh am prògram a-steach cànanaiche David Peterson airson an cànan a cruthachadh gu ciallach bho na beagan dheth a tha air an sgrìobhadh anns na nobhailean.  Thainig e an àrd le faisg air 4,000 faclan Dothraki airson am prògram airson gun urrainn cànan caran nàdarrach a bhith aca an aite brolaich.  Tha e a’cluinntinn mar gun e cànan ceart a th’ann dha-rìreabh, ged nach e cànan snog a th’ann.

Rinn Radio 4 pìos mu dheidhinn an cànan Dothraki an uiridh agus shaoileadh iad gum biodh barrachd daoine a’cluinntinn facal neo dha Dothraki, neo cànan eile a chaidh dhèanadh an àrd airson am prògram Valyrian, gach seachdainn na Gàidhlig, Cuimris ‘s Gaelige còmhla.  Tha seo a’sealltainn cho cumhachdach ‘s a tha na prògraman seo airson teachdaireachdan a’cur an ceill.

Ged nach eil mi a’smaoineachadh gu bheil milltean a’feuchainn ri Dothraki ionnsachadh an-dràsd, tha mi cinnteach gu bheil feadhainn ann a tha.  Smaoinich air na miltean daoine a tha a’bruidhinn Klingon a tha air an cleachdadh air Star Trek.  Tha moran ann cuideachd a th’air beagan den cànan a tha air an cleachdadh anns na leabhraichean ‘s filmichean Lord of the Rings a ionnsachadh cuideachd, leabhraichean a chaidh a sgrìobhadh le cànanaiche J.R.R. Tolkien.  Ma tha fìor uidh aig daoine ann an leabhar neo film neo prògram, tha iad airson gan bogadh nas doimhne anns an saoghail ficseanail aige.  ‘S urrainn do seo air a bhith air a radh mu dheidhinn cànanan fìor cuideachd anns an rathad eile.

Gu cìnnteach tha Gàidhlig, Cuimris ‘s Gaelige nas làidire na cànanan ficseanail a thaobh feartan teignigeach agus culturail, agus mar sin tha mi den bheachd gum biodh iad nas fhearr airson a’bhith a’cleachdadh ann am ficsean na cànan ùr.  Bhiodh e mìorbhaileach nan cleachdadh prògram, leithid Game of Thrones, na Gàidhlig a chionns gum biodh e na b’fhasa dhaibh a’sgriobhadh (a chionns gu bheil briathrachas ‘s riaghailtean gràmair ceart ann) agus gum brosnaichadh e daoine ri bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn a chànan.  Dh’obraicheadh e gu math airson an dà chuid.  Shaoil mi gun e doigh glè soirbheachail a bhiodh seo airson inbhe ar cànan àrdachadh agus beagan a’barrachd taisbeanadh a thoirt dhi aig an aon àm.  An uair sin ‘s urrainn dhaibh ionnsachadh mu dheidhinn cultar na Gàidhlig agus ‘s dòcha gun smaoinich iad gu bheil e ceart cho inntinneach ris a phrògram fhèin.

Tha daoine eile air aontachadh leis am beachd seo mar tha.  Theid beagan Gàidhlig a’cleachdadh anns am prògram Outlander, steidhichte ‘s air an fiolmadh ann an Alba, a tha a’toiseachadh air an sianail Starz ann an Amerieaga anns an Lunasdal.  Chan eil an sianail cho mòr ri HBO, a tha a’cruthachadh Game of Thrones, ach ‘s dòcha gun teid cho math le Outlander ‘s gum faigh Gàidhlig beagan a’barrachd taisbeanadh le sluagh nas farsainge.

Tha cruaidh fheum ann airson oisean sònraichte a’bhith aig a’Ghàidhlig airson gun tarraing i a-steach luchd-labhairt ùra, agus ‘s dòcha nan cuireadh prògraman beagan Gàidhlig ann gun gheibheadh feadhainn am brosnachadh airson an cànan ionnsachadh.  Bidh Outlander a chiad dearbhadh de cho soirbheachail ‘s a tha Gàidhlig ann an suidheachadh faicsinneach.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *