Barrachd air a Mhòd

Shaoil mi gum bu chòir dhomh beagan a sgriobhadh air a bhlog seo ann an Gàidhlig airson a chanan a cleachdadh barrachd ‘s ‘s docha deiligeadh le cuspair neo dha Gaidhealeach ann an doigh nas nàdarraiche.

Thainig Mòd Rioghail am bliadhna gu crìch seachdainn seo chaidh ann am Pàislig.  Gu cinnteach bha e soirbheachail, le faisg air 3,000 neach a gabhail pàirt, an ìre as airde bhon Mòd 2009 san t-Òban.  Tha e math fhaicinn gu bheil an fhèis air a dheànamh cho math ann am baile aig nach eil moran ceangail leis a chanan.  Tha mi lan dòchas gun teid an ath Mhòd, ann an Inbhir Nis, faisg air mo bhaile Inbhir-Pheofharain, ceart chò mhath.

‘S toigh leam a Mhòd mar tachartas, ach feumaidh Gàidhlig a’coimhead airson barrachd ùine air clàr-ama cùltar na h-Alba thairis air aon seachdainn san Damhair.  ‘S e a Mhòd an fhèis as luachmhora don Ghaidhlig a thaobh spèis naiseanta, agus ‘s docha gum bu chòir dhuinn sin a’brosnachadh as ùr neo fèis eile air choireigin a dheanamh airson cultar na Gàidhlig a shealltainn don t-saoghail.  Airson a’sealltainn gu bheil barrachd ri Gàidhlig na seinn a-mhàin.  Gu cinnteach, tha òrain ‘s bardachd pairt glè mhòir den cùltar againn, ach ‘s fheudar dhuinn ginealach ùr de luchd-bruidhinn na Gàidhlig a’ghlacadh, agus chan eil mi buileach cinnteach gun dean am Mòd sin leis fhein.  ‘S docha gum biodh Latha na Gàidhlig nàiseanta doigh seo a dheanamh, aig a char as lugha ann an sgoiltean ‘s eagraichean poblachd.  An dràsta, chan eil ach laithean air feadh na bliadhna, a tha air an leantainn don chanan, le companaidhean neo sgoiltean far a bheil a chanan a’faighinn beagan aire.  Bhiodh aon latha nàiseanta a’deanamh barrachd feum, ‘s bhiodh barrachd daoine air feadh na dùthcha a’leasachadh uidh anns a chanan a chionns gum faic iad daoine ga cleachdadh.  ‘S e sin a mholadh mise a thaobh beagan adhartas airson aire na Gàidhlig ann an Alba.

‘S e àm cudromach a tha seo don chanan.  Tha sinn fhathast a’feitheamh air figearean oifigeach bhon riaghaltas bhon Cunntas-Sluaigh 2011 a tha a’sealltainn gu dearbhte de rathad a tha a chanain a’gabhail.  Leis an referendum an ath bhliadhn’ air neo-eisimileachd na h-Alba, tha mi iomagaineach gun teid naidheachd mu dheidhinn na Gàidhlig sguabadh air falbh ‘s cha teid mòran a dheanamh airson a chanan a’cuideachadh ge b’e de a thaghas sluagh na h-Alba sa bhòt.  Tha Riaghaltas na h-Alba air tòrr a dheanamh anns na deich bliadhna seo chaidh airson a chanan a’cuideachadh, a leithid Achd na Gàidhlig 2005, ach tha eagal orm nach bidh iad cho deònach ar cuideachadh ma tha iad trang dùthaich ùr a cruthachadh neo feuchainn ri tilleadh do poilitigs àbhaisteach.

Mar a thuirt mi san blog agam mu dheidhinn an referendum, ‘s e bliadhna inntinneach a bhitheas ann ann am politigs na h-Alba, ach tha mi an dòchas nach dhiochuimhnich na Gàidheal air fad gu bheil ar canan nas prìseile na ar neo-eisimileachd, ach fada nas brisge.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *