Bha mi nam shuidhe air a chompuitar, mar a tha mi tric, oidhche Dimairt mu leth uair an deidh seachd agus chunnaic mi gun robh BBC Alba a’treandadh air Twitter san Rioghachd Aonaichte. Miorbhaileach, nach shaoileadh tu? ‘S e an geama ball-coise eadar Rangers ‘s Hibs a bha ag adhbharachadh an uigh, ach fhathast bha e math a’faicinn gun robh inbhe aice. An sianail airson 1% de dh’Alba a’faighinn barrachd aire na an deasbad a bha tighinn mu dheidhinn neo-eisimileachd na h-Alba, an suidheachadh ann an Gaza neo sian mu na rionnagan, ach 1 Direction.
Thionnd an toileachas a bh’agam mun tachartas seo gu beagan fearg ‘s bròn, ged ta nuair a leugh mi beagan de na rudan a bha daoine air Twitter ag radh mun sianail. Bha cha mhòr gach Tweet ag radh nach b’urrainn dhaibh an cànan a thuigsinn ‘s a’fanaid air mar cànan a chaidh dheànamh an àrd airson fiolm neo prògram T. Bh. air choireigin.
An nuair sin, nuair a bha mi a’smaoineachadh gun robh am ball-coise an rud a bu mhiosa do iomhaigh na Gàidhlig a bhiodh ann an oidhche ud, thaining ceist bhon sluagh anns an desbad mu neo-eisimileachd ann an teas meadhan pìos mu peanseanain, mun cànan a chaidh cha mhòr gun fhacal. Uill, gun fhacal ach airson ceudan de Tweets mu dheidhinn.
Chan eil mi air a leithid de droch fhaireachdainn fhaicinn mun Gàidhlig riamh. Tha mi eòlach gu bheil cuid ann nach eil measail air a Ghàidhlig, ach na bha daoine ag radh mun cànan gun fheum ‘s aosda a bha seo ‘s a fanaid air daoine leis a chanan. Bha mi gu math troimh-cheile mu dheidhinn.
‘S e daoine gun ciall a tha seo. Daoine aig nach eil criomag de dh’fhios mun cànan ‘s an eachdraidh aice. Daoine nach eil mothachail air cho math ‘s a tha foghlam tro meadhan na Gàidhlig agus na tha e air a dheànamh do mìltean de chlann air feadh na dùthcha.
An canadh an aon cuid de daoine air Twitter a leithid mu cànan eile, neo mion-sluaigh eile? Cha chanadh cho làidir agus chan fhaigheadh iad air falbh leis saoileadh mi.
Ach nuair a dh’fheuch mi a chùis fhaicinn bhon taobh eile, bho taobh na daoine Gallda, thòisich mi socrachadh agus a’smaoineachadh air na dh’fheum Gàidhlig a dheànamh airson an ìomhaigh aice a’brosnachadh. Chan eil iadsan bu coireach gu bheil am beachd sin aca, ‘s e pàirt den siostam sòisealta a th’air a bhith ann o chionn fhada ‘s mar a chur e sìos air a Ghàidhlig. Tha daoine coma mun Gàidhlig, tha e coltach. Feumaidh adhbhar a bhith ann dhaibh airson barrachd ùigh ‘s urram a’toirt dhi.
A bheil e a’deanamh math don Gàidhlig gu bheil aithris am ball-coise air BBC Alba ann an Gàidhlig? ‘S dòcha gu bheil am ball-coise e fhèin a’tarraing a-steach daoine don sianail agus gun coimhead feadhainn aca prògram neo dha eile air sgath sanas a chunnaic iad, ach a bheil iad a’fuireach air sgath an aithris neo a dh’aindeoin sin? Tha mi den bheachd gu bheil an aithris air BBC Alba glè mhath, ‘s fada nas fheàrr na faigheadh tu air feadhainn de na sianalan eile, ach chan eil sin gu diofar don 99% den sluagh nach eil a’tuigsinn Gàidhlig.
Chan eil mi ag radh gun robh an ceist mu Gàidhlig anns an deasbad neo-eisimileachd mi-rianail, gu dearbh tha mi air a radh gun atharraichadh e m’inntinn air an reifreinn uile gu lèir nam faigheadh mi freagairt math, ach chan e ann àm ceart a bha seo airson an cèist a chuir. Bha e an teas meadhan pìos mu peansainean, cuspair cudromach do mòran Albannaich. Tha mi air eagal beagan gum faic daoine gun robh an ceist Gàidhlig mar samhla don cànan, ceist mi-chudromach ann an deasbad nas trom-chùisiche.
Tha fhathast astar fada aig a Ghaidhlig ri dhol gus am bi stad a chur air an seòrsa magadh a tha seo. Chan urrainn Gàidhlig a’fàs gun taic bho grunnan daoine aig nach eil ceangail dhan cànan, mar a th’againn an dràsda ann an Riaghaltas na h-Alba, agus ma tha an droch faireachdainn seo air fàgail airson a’fàs e fhein tha sinn ann an cunnart air a bhith cuir sìos air a-rithist. Ma tha na beachdan aca air Gàidhlig a’tighinn bho aithris ball-coise ‘s ceist aig aon nighean bhochd ann an deasbad, cha boidrig iad idir airson an cànan a’cuideachadh nan robh feum air. Agus tha feum air.
Mar sin, tha mi den bheachd gun fheum sinn barrachd a’dheànamh airson a’sealltainn nach e cànan aosd ‘s marbh a th’againn. Biodh stuth mar lìog ball-coise do dheugairean le Gàidhlig, oidhche sònraichte aig club-oidhche ann an Glaschù ‘s coimhearsnachd Gàidhlig air loidhne beachdan math airson aire, inbhe ‘s beagan spòrs a’toirt don chànan.
Ged ‘s e droch oidhche don chànan a bh’ann an-raoir, cha bhi mòran a’tighinn às. Bha e a’sealltainn, ged ta, gu bheil fhathast duilgheadasan againn san 21mh linn le daoine a’magadh air ar cultar. Tha e uabhasach gu bheil sinn fhathast anns an suidheachadh seo, ach ‘s urrainn dhuinn atharrachadh.