Tighinn còmhla neo tighinn as a chèile

A-nochd tha na Duaisean Gàidhlig a’ tachairt ann an Ghlaschu, far am bidh na “rionnagan” de saoghail na Gàidhlig a’ cruinneachadh agus a’ gabhail an cothrom moladh na daoine ‘s buidhnean a tha air deagh oidhirp a dhèanamh am bliadhna airson ar chanain ‘s ar chultar.  ‘S e tachartas mòr a th’ ann agus tha e mìorbhaileach gu bheil a leithid de rud ann agus cuideachd gu bheil e a’ faighinn aire nàiseanta leis na sponsairean aige a bhith an Daily Record.

Ach tha e duilich gu bheil an oidhche cho spaideil seo a’ tighinn ach beagan làithean an dèidh dha aon de na buidhnean a chuir as motha dhan ath-bheothachadh na Gàidhlig a’ tighinn gu crìch.

An deireadh-seachdain seo chaidh thàinig an droch naidheachd gum bi Clì Gàidhlig, comann nan luchd-ionnsachaidh, a’ dol a bhith air sgath dìth airgead.  Ged nach robh seo na chùis-iongnaidh do mòran, ‘s e droch àm dha rìreabh a tha seo gu bheil buidheann cho cudromach ‘s cho soirbheachail ri Clì a’ fulang an dàn seo.

Chan eil e cinnteach dè thachair gu ceart le Chlì, ach ge b’ e cò as coireach chan e samhla math a th’ ann airson òrdachadh aig ìre àrd de saoghail na Gàidhlig.

Chan eil teagamh ann gun deach maoineachadh aig Clì Ghàidhlig a ghearradh ann an dòigh mi-reusanta agus neo-seasmhach airson an seirbheis aca a’ cumail air.

Seo na thuirt Daibhidh Eyre, a bha air bhòrd Clì Ghàidhlig anns na làithean as duilghe aige bho chionn goirid:

Chaidh maoineachadh na buidhne a ghearradh le Bòrd na Gàidhlig. Chaidh stad a chur air an obair ionmholta a rinn Ruairidh MacIlleathain air an iris Cothrom, agus chaidh mise fhastadh le Clì gus iris air loidhne a chur air dòigh, a bhiodh nas shaoire dhan bhuidheann – Cothrom Ùr. Rinn mi mo dhìcheall – ach leis an fhirinn innse – bha mi a-riamh a’ faireachdainn nach robh na bha mi a’ dèanamh a’ lìonadh a’ bheàirn a dh’fhàg Cothrom.

Aig a’ cheann thall, chaidh am maoineachadh a bha Clì a’ faighinn a ghearradh gu tùr le Bòrd na Gàidhlig. Chaill triùir an dreuchdan ri linn sin, agus chaidh stad a chur air Cothrom Ùr. Chaidh mise air bòrd-stiùiridh na buidhne as dèidh sin, agus thàinig sinn dhan cho-dhùnadh nach urrainn dhuinn cumail a’ dol.

Cha robh Bòrd na Gàidhlig ag aontachadh ri seo ged tà, seo na thuirt iad ann am post air Facebook an latha roimhe:

Às dèidh don ro-innleachd a bhith air a dealbh, cha do chuir Clì iarrtas sam bith a-steach airson tuilleadh maoineachaidh gus pàirt sam bith den ro-innleachd ùir a thoirt gu buil, fiù ’s nuair a rinn am Bòrd soilleir dhaibh gun robh iad làn di-beathte sin a dhèanamh.

 

Tha an aimhreit seo a’ dèanamh cron oirnn uile ge tà.  Cha tèid mòran co-obrachadh ‘s piseach air adhart mur eil sinn uile a’ tarraing air an aon ràmh, agus nam beachd ‘sa s’ fheudar dhuinn sin a dhèanamh ann an dòigh a tha a’ toirt urram dhan choimhearsnachd ioma-fillte ‘s a tha sinn.

Airson na Gàidhlig, tha e sònraichte cudromach gu bheil iomairtean a’ tighinn bho diofar ìrean den choimhearsnachd airson gu bheil an ath-leasachadh a tha sinn uile airson fhaicinn a’ tighinn gu bàrr.

Tha chall Clì Ghàidhlig, ‘s ‘s dòcha an dìth-oidhirp a bh’ aig Bòrd na Gàidhlig airson a’ dèanamh cinnteach gun gheibheadh iad am maoineachaidh nach fhàgadh iad ann an dubh èiginn, a’ sealltainn nach eil fhathast structar ceart againn ‘sa Ghàidhlig a thaobh ìrean leasachaidh – neo aig a char as miosa chan eil Bòrd na Gàidhlig a bhrosnachadh structar mar a leithid.

Chanainn ma ‘s e seo a chùis gu bheil e an aon mhodh ‘s a tha Riaghaltas na h-Alba a’ cleachdadh an-dràsta (agus mar thà anns an teirm-rèime aca) le bhith a’ toirt a-steach bòrd eile airson obair Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean ‘s Iomairt na h-Alba a cho-òrdanachadh.

Mur eil diofar ìrean agad ann a bhith a’ leasachadh, chaillidh tu an mion-eòlas ‘s an cleachdadh a tha a’ dèanamh sgaradh eadar iomairtean soirbheachail agus iomairtean a tha lag.  Cuideachd, feumaidh tuigse a bhith ann nach eil buidheann sònraichte air leth comasach air am planadh, iomairtean ‘s sgrùdadh a dhèanamh airson gach feart de rudeigin mar ath-bheothachadh na Gàidhlig neo ath-bheothachadh na Gàidhealtachd.

 

Chan eil seo ag obair nuair a tha feumalachdan air leth aig diofar buidhnean anns a’ Ghàidhealtachd, leithid ceanglaichean còmhdhail, bochdainn-connaidh neo dìth-conaltraidh, agus tha seo fìor airson na Ghàidhlig cuideachd.

Leithid luchd-ionnsachaidh.  Tha am buidheann sin feumail air barrachd taic airson an cànan aca a leasachadh airson gum bidh an cothrom aca a’ gabhail pàirt ann an stuth cultarach.

‘S ann a-nis gum feumaidh sinn a’ tighinn còmhla, an àite tighinn as a chèile.

Chan eil seo an t-àm an coireach a chuir air buidheann sam bidh, ach airson ag obair còmhla airson na Ghàidhlig a dhèanamh nas làidire ‘s nas tarrangaiche ‘s a bha e riamh roimhe.

An ath bhliadhna thig an treasamh Plana Nàiseanta na Gàidhlig, agus tha mi an dòchas gum bi planaichean adhartach, amasach ‘s coileantach ann a dh’ fhaodadh piseach a’ toirt air a Ghàidhlig ann am mòran dòighean thairis air an ath chòig bhliadhna.

Ach mur eil an taic ann airson na buidhnean na bu lugha a tha a’ cuideachadh le cultar na Ghàidhlig a bhrosnachadh latha as dèidh latha, cha bhidh planaichean ‘s innleachdan bhon Bhòrd gu leòr airson adhartas mòr, ‘s adhartas feumail, a dhèanamh.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *